Iomagain mu sheirbheis mhàthaireil an Gallaibh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomagain mu sheirbheis mhàthaireil an Gallaibh

25 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coinneamh phoblach a' dol ann an Inbhir Uige a-nochd mun t-seirbheis mhàthaireil ann an sgìre Ghallaibh.

Tha mì-thoileachas mòr ann mu phlannaichean Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd - gus an t-seirbheis a chur fo stiùir mhnathan glùine, seach àrd dhotairean.

Tha am bòrd ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh seo air sgàth adhbharan slàinte agus sàbhailteachd.

Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.