Rannsachadh Alasdair MhicUilleim "fhathast a' leantainn"

Alasdair MacUilleim Image copyright Other
Image caption Tha 12 bliadhna ann Diluain bho chaidh Mgr MacUilleim a mhurt.

Tha Poilis Alba ag ràdh gu bheil iad fhathast a' dèanamh na 's urrainn dhaibh fuasgladh fhaighinn air murt Alasdair MhicUilleim ann an Inbhir Narann bho chionn dà bhliadhna dheug.

B' ann air an 28mh là den t-Samhain ann an 2004 a chaidh Alasdair MacUilleim a mharbhadh le peilear air stairseach a dhachaigh.

Bha e air a dhol chun an dorais a bhruidhinn ri fear air an robh ceap baseball, 's a thug cèis dha.

Loisg an duine air le gunna.

Iomairt mhòr

A dh'aindeoin iomairt mhòir thar nam bliadhnaichean, anns an deach na mìltean dhaoine a cheasnachadh, cha deach an duine a mhurt Mgr MacUilleim a-riamh a lorg.

Chaidh an gunna a chaidh a chleachdadh fhaighinn ann an drèana faisg air làimh agus chaidh a dhearbhadh gur ann anns a' Ghearmailt a chaidh a dhèanamh - bho chionn 60 bliadhna.

'S ann à Poblachd nan Seiceach a thàinig na peilearan.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil an sgrùdadh aca fhathast a' leantainn agus dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a thighinn thuca.