Taic airson bochdainn connaidh

Mapa Image copyright Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd
Image caption Tha mòran thaighean ann an sgìrean iomallach duilich a theasachadh.

Dh'iarr Stiùiriche Slàinte a' Phobaill aig NHS na Gàidhealtachd air daoine a tha a' fulang le bochdainn chonnaidh taic iarraidh bho sgeama riaghaltais.

Tha seo a' tighinn is figearan ùra a' sealltainn gu bheil còrr air an dàrna leth de thaighean ann an sgìrean iomallach ann am bochdainn connaidh agus na daoine a' tha a' fuireach annta a' cosg 10% den teachd-a-steach aca air connadh 'son an cumail blàth.

Airson cuid de thaighean - gu h-àraidh taighean le seann daoine a' fuireach leotha fhèin - tha na figearan nas àirde buileach, le 72% a' fulang bochdainn chonnaidh.

Buaidh na bochdainn air slàinte

Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill aig NHS na Gàidhealtachd, an t-Oll. Hugo van Woerden, gu bheil e follaiseach gu bheil taighean fuara a' toirt droch bhuaidh air slàinte dhaoine.

"Tha daoine le trioblaidean cridhe, trioblaidean sgamhain, agus trioblaidean le tinneas inntinn nas dualtaiche fulang".

"Tha an cuideam a thaobh ionmhais a tha ceangailte ri bochdainn chonnaidh cuideachd a' ciallachadh gu bheil daoine a' dèanamh taghaidh eadar am bu chòir dhaibh an taigh a theasachadh, no biadh ithe".

Leis a' ghlainne a' dol fo ìre rothaidh tha Mgr van Woerden a' moladh do dhaoine fònadh an asgaidh gu sgeama riaghaltais Home Energy Scotland air 0808 808 2282.