Sgitheanaich fo sgèith Steòrnabhaigh?

NHS na Gàidhealtachd
Image caption Tha an t-Eilean Sgitheanach fo ùghdarras NHS na Gàidhealtachd.

Tha fear bhon bhuidhinn iomairt SOS NHS san Eilean Sgitheanach ag ràdh gum bu choir dhan eilean a bhith fo ùghdarras NHS nan Eilean Siar.

Tha a' bhuidheann a' strì airson seirbheisean a ghlèidheadh ann an Ospadal Phort Rìgh, agus tha Niall Fearghasdan ag ràdh gu bheil sgìrean san Eilean Sgitheanach a' fulang ri linn cho fada 's a tha iad bho Inbhir Nis.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh NHS na Gàidhealtachd, agus fhuaireadh gun deach a dhèanamh gu ceart.

Ach choinnich a' bhuidheann ri BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, agus iad ag iarraidh sgrùdaidh às ùr air na tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh do sheirbheisean slàinte na sgìre.

"Tha tòrr deasbaid mu dheidhinn a' mhodail no na dealbhachd de na rudan a bha iad a' dol a dhèanamh le slàinte 's dreuchdan ùra cùraim 's rudan mar sin," thuirt Mgr MacFhearghais.

Onorachd

"Bha Ceit Fhoirbeis ag iarraidh air a' bhuidhinn againn a ràdh dè bha sinn fhìn ag iarraidh.

"Aig deireadh an là tha sinn ag iarraidh sgrùdadh a bhith air a dhèanamh a-rithist, gu proifeasanta, le daoine a tha eòlach air na cuspairean 's na duilgheadasan a th' ann an coimhearsnachdan iomallach.

"Anns a' chiad àite tha rud mu dheidhinn onorachd ann.

"Nuair a bha iad a' dùnadh an ospadail anns an Aodann Bhàn 15 bliadhna air ais, thuirt oifigearan gum biodh an-còmhnaidh ospadal ann am Port Rìgh.

"Mar sin, chuir iad a-mach pìos pàipeir dha na daoine anns na coimhearsnachdan an seo ag ràdh gum biodh "spòg" ann am Port Rìgh.

"Bha a h-uile duine ag ràdh, "och uell, tha iad onorach. Tha ospadal a' dol a bhith againn fad an t-siubhail ann am Port Rìgh".

"Ach aig deireadh an là, nuair a tha soilleireachd ri chur air a' cheò, tha e a' tighinn a-mach anns na pàipearan bho Bhòrd na Slàinte, 's thathas a' faicinn nach eil ospadal gu bhith ann am Port Rìgh idir.

Ceangal

"Tha fearg mhòr air a' mhòr-shluagh an seo. Tha e gu math soilleir a-nise gur e Port Rìgh am prìomh bhaile, am prìomh mheadhan dhan choimhearsnachd," thuirt e.

Tha NHS na Gàidhealtachd airson ospadal ùr le goireasan ùra a thogail san Ath Leathann, an ceann a deas an eilein, 's iad ag ràdh gum frithealadh an ospadal sin air daoine a tha a' fuireach air Tìr Mòr, a thuilleadh air muinntir an eilein.

"Cha chuala mi riamh duine sam bith a' dol dhan Ath Leathann bho Loch Carrann," thuirt Mgr Fearghasdan.

"Mar sin cha robh na sgìrean sin air an toirt a-steach anns an ospadal ùr airson reusan slàinte sam bith, mar a tha mise ga fhaicinn.

"Dìreach airson feuchainn ri meadhan an àite a ghluasad sìos dhan Ath Leathann.

"Tha sinne ro fhada air falbh bho Inbhir Nis, bhon Chomhairle an sin, 's tha deasbad mu dheidhinn sin.

"Tha sinn ro fhada air falbh bho Bhòrd na Slàinte an Inbhir Nis.

"Feumaidh sinn a-nise a bhith ceangailte suas ri Leòdhas agus na h-Eileanan Siar.

"Feumaidh na h-Eileanan Siar 's an t-Eilean Sgitheanach 's na h-Eileanan Beaga a bhith air an ceangal suas.

"Tha sinn ro fhada air falbh bho thaobh eile na h-Alba," thuirt e.

Thuirt labhraiche do NHS na Gàidhealtachd:

"Cumaidh NHS na Gàidhealtachd orra a' toirt seachad sàr sheirbheisean slàinte agus sòisealta an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, agus tha planaichean ann airson tuilleadh leasachaidh a thoirt air seirbheisean sa choimhearsnachd.

"Dh'atharraich an sluagh, agus feumalachdan an t-sluaigh gu mòr thar an 15 bliadhna mu dheireadh.

"Tha daoine ag iarraidh a bhith aig an taigh, no ann an àrainneachd dhachaigheil cho fada 's a ghabhas, 's gun a dhol dhan ospadal.

"Feumaidh NHS na Gàidhealtachd na seirbheisean atharrachadh mu choinneimh seo.

"Tha an obair air an ath-dhealbhachadh air a bhith fosgailte agus tro-fhaicsinneach, agus bha grunn bhall den phoball, a thuilleadh air luchd-obrach agus manaidsearan ionadail air a' bhuidhin stiùiridh.

"Tha sinn gu mòr airson a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan ann a bhith a' leasachadh sheirbheisean a bhios a' freagairt air feumalachdan san àm ri teachd.

"Chan ionnan sin, 's dòcha, agus a bhith a' toirt seachad cùraim san aon dòigh 's a tha sinn air a bhith, ach a bhith a' coimhead air dòighean ùra a bhith ag obair ann an co-bhann.

"Thèid Ospadal Phort Rìgh atharrachadh 's a leasachadh, agus leanaidh an t-seirbheis bheag-leòn, seirbheisean euslainteach a-muigh, agus cuid de leigheasan cùis-là, a thuilleadh air a bhith na ionad do dhotairean-teaghlaich, an cuid luchd-obrach agus an Sgioba Co-cheangailte Coimhearsnachd.

"Tha NHS na Gàidhealtachd an-dràsta ag obair troimhe seo le luchd-obrach clinigeach agus compàirtaichean, na dotairean-teaghlaich nam measg, a chùm gun toir sinn seachad an cùram as fheàrr a ghabhas do dh'euslaintich."