Còrr air 100 duine gan glacadh ann am maoimtean-sneachda

Heileacoptear an RAF Image copyright MoD/Crown
Image caption Bha còrr is 200 maoim-sneachda ann uile gu lèir air a' gheamhradh a chaidh.

Chaidh 109 duine a ghlacadh ann am maoimtean-sneachda ann an Alba air a' gheamhradh a chaidh.

Chaill triùir am beatha ann am maoimtean-sneachda a thachair thairis air deich là sa Ghearran, a rèir aithisg bho Sheirbheis Fiosrachaidh Mhaoimtean-sneachda na h-Alba.

Sheall an aithisg gun robh 205 maoim-sneachda ann eadar an Dùbhlachd ann an 2015 agus an Giblean am-bliadhna.

Thachair 159 dhiubh gu nàdarra, ach bha gnothach aig mac an duine ris an fheadhainn eile.

Am measg na chaill am beatha 's iad a' sreap nam beann bha Rachel Slater, 24, agus Tim Newton, 27, à Bradford 's dùil gun deach an glacadh ann am maoim-sneachda air Beinn Nibheis.

Thuirt an t-seirbheis gum faodadh gun robh gnothach aig maoimtean-sneachda ri bàs dithis eile cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile