Boireannaich nan Eilean Siar beò as fhaide

Seann duine
Image caption Tha fhathast beàrn mhòr eadar diofar sgìrean de dh'Alba a thaobh faide bheatha.

Bidh boireannaich anns na h-Eilean Siar beò, anns a' chumantas, nas fhaide na ann an sgìre sam bith eile de dh'Alba.

Ruigidh ban-Eileanach, anns a' chumantas, 82.9 bliadhna de dh'aois - an taca ri 81.1 bliadhna ann an Alba air fad.

Bidh fireannaich, anns a' chumantas, beò gu aois 76.7 anns na h-Eileanan Siar - sin rud beag nas ìsle na an aois airson Alba air fad (77.1)

Tha beatha nas giorra aig Albannaich anns a' chumantas na th' aig daoine ann am pàirtean eile den Rìoghachd Aonaichte.

'S ann bho Chlàraidhean Nàiseanta na h-Alba a tha na h-àireamhan airson Alba.