Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Colombia

Tha mì-chinnt ann le diofar aithrisean air cia mheud duine a chaidh a mharbhadh nuair a thuit plèana gu làr ann an Colombia. Bha sgioba ball-coise proifeiseanta à Brazil am measg 81 duine a bha air a' phlèana. The e coltach gu bheil triùir de na cluicheadairean ball-coise am measg na ghlèidh am beatha.

Ceannardan

Thuirt an Riaghaltas ann an Westminster nach eil iad a' dol air adhart le plana airson luchd-obrach a chur air bùird-stiùiridh chompanaidhean mar dhòigh air smachd a chur air pàigheadh agus tuarastal mòr do cheannardan. Thuirt Frances O'Grady, Àrd-Rùnaire Caidreachas nan Aonaidhean Ciùird, gur e briseadh-dùil a th' ann nach eil am Prìomh Mhinistear, Theresa May, a' dèanamh na gheall i, agus thuirt i gum bu chòir dhan Riaghaltas a dhol air adhart leis an rud a bha nam beachd anns a' chiad dol-a-mach

Siria

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil 16,000 duine air teicheadh à baile Aleppo ann an Siria an dèidh na h-ionnsaighean as ùire bho chionn latha no dhà air sgìrean reubaltach. Thuirt an UN nach eil ospadal air fhàgail a tha comasach air daoine a chuideachadh agus gun do theirig am biadh agus uisge ann am mòran sgìrean. Tha an Fhraing ag iarraidh air Comhairle Thèarainteachd an UN coinneachadh ann an èiginn a dheasbad na cùise.

Seirbheisean Màthaireil

Tha luchd-iomairt à Gallaibh a' togail fianais aig prìomh oifisean an NHS ann an Inbhir Nis far a bheil am bòrd-slàinte a' beachdachadh air molaidhean connspaideach airson ghearraidhean ann an seirbheisean màthaireil ann an Gallaibh. Tha aithisg mu choinneimh a' bhùird a tha a' moladh an t-seirbheis a chur fo stiùir mhnathan-gluine seach àrd-dhotairean.

Togail Shoithichean

Tha aithisg do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh nach ann air Abhainn Chluaidh a-mhàin a bu choir a bhith a' togail shoithichean dhan Chabhlach Rìoghail. Tha an rannsachadh a rinn an t-eòlaiche-gnìomhachais, Sir John Parker, ag ràdh gum bu chòir cùmhnantan agus obair a roinn air feadh ghàrrannan-iarainn Bhreatainn.