Tuilleadh ghoireasan a dhìth

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Feumaidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd tuilleadh ghoireasan agus trèanaidh a thoirt do mhnathan-glùine aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, a rèir tè a th' air a bhith bliadhnaichean ag obair ann.

Tha Etta NicAoidh den bheachd gum bi seirbheis nas fheàrr ann ged a thèid gearraidhean connspaideach air adhart san t-seirbheis mhàthaireil ann an Gallaibh agus an t-seirbheis ùr gu bhith fo stiùir mhnathan-glùine.

Thèid boireannaich aig a bheil duilgheadas a chur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir, còrr 's ceud mile air falbh.

Bha luchd-iomairt a' strì an aghaidh an atharrachaidh.

Gainnead

"Tha mi a' smaoineachadh gun obraich seo gu math," thuirt a' Bh.Ph. NicAoidh.

"Aonad beanas-glùine, bha iad ag iarraidh seo bho chionn còig bliadhna, agus chaidh am poball nan aghaidh.

"Nise, gu fortannach, 's ann mar seo a tha e air a thighinn, dhan cho-dhùnadh a tha seo an-diugh.

"Ach an siostam a chuireas iad suas, aonad beanas-glùine coimhearsnachd, bidh sin tòrr nas sàbhailte na an siostam a th' aca an-dràsta.

"Tha mi ag ràdh sin airson, bidh poileasaidhean agus pròiseasan ann an àite a dh'fheumas iad a leantainn, agus thèid na boireannaich a chur sìos gu Ospadal an Ràthaig Mhòir nas tràithe, agus le sin, nas sàbhailte," thuirt i.

Ach tha gainnead mhnathan-glùine san dùthaich, agus tha a' Bh.Ph. NicAoidh ag ràdh gum feumar dèiligeadh ri sin airson seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad.

"Chan eil mnathan-glùine gu leòr ann, agus chan eil iad a' trèanadh gu leòr," thuirt i.

"Tha e duilich dha feadhainn de na bùird shlàinte mnathan-glùine fhaighinn.

"An-dràsta tha tòrr de na mnathan-glùine a' leigeil dheth an dreuchdan 's a' fàgail.

Dà Thrèanadh

"Feumaidh a h-uile bòrd slàinte coimhead ri dè dh'fheumas iad a dhèanamh airson an t-seirbheis a chumail sàbhailte.

"Feumaidh iad trèanadh dhaoine eile a bhios gan cuideachadh.

"B' àbhaist dha siostam a bhith ann, mus deach cur às dhà, far am biodh dà thrèanadh ann, far am biodh tu nad nurs sgìreil 's nad bhean-ghlùine.

"Agus bhiodh na daoine sin ag obair gu math tric ag obair anns na h-àiteachan a bha duilich faighinn thuca.

"Sguir iad den t-siostam sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum iad an siostam sin a thoirt air ais, far am bi banaltraim ann a bhios na bean-ghlùine cuideachd.

"Feumaidh bòrd na slàinte coimhead ri tuilleadh cuideachaidh ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir, airson seo a chumail sàbhailte.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn coimhead ri dè an siostam as urrainn dhuinn a chur ann an àite airson gum faigh sinn air an t-seirbheis seo a thoirt dha boireannaich agus gum bi an t-seirbheis sàbhailte," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo