Rabhadh ionmhais bho ChnES

Airgead Image copyright PA

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba barrachd airgid a chur a-steach dhan sgìre gus obraichean a chruthachadh is an eaconamaidh a bhrosnachadh.

Chuir an t-ùghdarras fàilte air aithisg bho Choimisean nan Cunntasan a thuirt gu bheil comhairlean na dùthcha san fharsaingeachd a' dèiligeadh gu math ris an t-suidheachadh ionmhais dhoirbh tha mun coinneimh.

Thuirt a' Chomhairle, ge-tà, gur dòcha gum bi aca ri gearraidhean ùra a thoirt air adhart an ath-bhliadhna mura faigh iad taic gu leòr bhon Riaghaltas nuair a thig fios air buidseatan air 14mh an Dùbhlachd.

"Tha mi a' smaoineachadh, thairis air na bliadhnaichean, gu bheil sinn, mar a thuirt an aithisg a tha seo, air a bhith a' dèiligeadh ann an dòigh èifeachdach agus ciallach ris na gearraidhean a th' air a bhith a' bualadh a h-uile bliadhna airson faisg air 15 bliadhna a-niste," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn ann an suidheachadh a-nis far a bheil e nas duilghe 's nas duilghe sàbhalaidhean a dhèanamh anns na seirbheisean a tha sinn a' lìbhrigeadh tro na h-Eileanan air fad.

"Tha tòrr de na h-ùghdarrasan eile gu math mòr, 's tha buidseatan gu math mòr aca cuideachd.

"Tha am buidseat againne air a dhol sìos thairis air a' 15 bliadhna a tha sin, bho £120m gach bliadhna, gu £90m.

"Nuair a stèidhicheas sinn am buidseat sa Ghearran, bidh sinn a' bruidhinn air buidseat airson na bliadhna, agus a' coimhead air adhart ris an ath-bhliadhna.

"Nì sinn conaltradh sa choimhearsnachd air sin, agus ma 's e 's gum bi na gearraidhean nas miosa na bha sinn a' smaoineachadh a bhiodh e, gun teagamh feumaidh sinn a dhol a-mach a-rithist agus bruidhinn ri coimhearsnachdan mu dheidhinn sàbhalaidhean agus gearraidhean gu math duilich anns a' bhliadhna a tha romhainn, ma 's e 's gum bi an gearradh nas motha na 4% no 5%.

Call Cosnaidh

"Gun teagamh thar nam bliadhnaichean chan eil sinn air duine a chur a-mach às an dreuchd ach ann an dòigh far an robh iad fhèin airson an dreuchdan a leigeil dhiubh airson adhbhair air choireigin.

"Tha sinn air seachnadh a bhith a' cur dhaoine às an dreuchdan an aghaidh an toil.

"Ach tha sinn a' dol nas fhaisge 's nas fhaisge air sin a h-uile bliadhna, agus tha e a' dol a bhith duilich dha-rìribh ma 's e 's gum feum sinn gearraidhean barrachd air 5% a dhèanamh sa bhuidseat airson na h-ath-bhliadhna.

"Chan urrainn dhuinn a chosg ach an t-airgead a bheir an Riaghaltas dhuinn.

"Còrr air 80% den airgead a tha sinn a' faighinn, 's ann bhon Riaghaltas a tha e a' tighinn.

"'S e glè bheag a tha sinne a' togail tron chìs chomhairle an taca ri ùghdarrasan eile far a bheil tòrr sluaigh aca.

"Tha na tha sinne a' toirt a-steach a rèir na h-àireimh-sluaigh, agus bidh sin fhèin a' crìonadh thairis air na bliadhnaichean.

"Tha sin gu bhith a' dèanamh chùisean tòrr nas duilghe.

"Tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas coimhead ri faochadh a thoirt chan ann a-mhàin dhuinne, ach dha ùghdarrasan ionadail air feadh na dùtcha.

"Tha sinn air a bhith a' crìonadh agus a' gearradh fad an t-siubhail agus chan eil rian nach eil sin a' dol a thoirt buaidh mhòir gach cuid air seirbheisean agus cosnaidhean dhaoine," thuirt e.