Plana leasachaidh Chala Steòrnabhaigh

Cala Steòrnabhaigh

Dh'fhoillsich Ùghdarras Port Steòrnabhaigh plana leasachaidh luach còrr air £60m thairis air an ath 20 bliadhna.

Am measg na th' anns an amharc, thathar ag iarraidh acarsaid dhomhainn a' stèidheachadh faisg air Àranais.

Bhiodh seo freagarrach do shoithichean mòra a bhith a' frithealadh gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail agus gnìomhacas na h-ola.

Bhiodh an leithid cuideachd freagarrach do bhàtaichean mòra luchd-turais a bhios a' tadhal air na h-eileanan tro mhìosan an t-Samhraidh.

Tha molaidhean ann leudachadh mòr a thoirt air an àireamh iachtaichean a thoilleas sa chala cuideachd.

Brosnachadh Eaconamach

A rèir an ùghdarrais, bidh an leasachadh a tha iad am beachd a thoirt air goireasan a' phuirt na bhuannachd gu math mòr do dh'eaconamaidh nan eilean air fad.

Thuirt Murchadh Moireach, cathraiche an ùghdarrais: "Tha e cudromach gum bi a' phròiseact seo air fhacinn, chan e a-mhàin pròiseact airson a' phuirt, ach pròiseact airson nan eilean agus bhiodh sinn an dochas gum bi taic aige air sgàth sin. "

Chaidh co-chomhairle phoblach a chur air dòigh mun leasachadh.

Thuirt Mgr Moireach gu bheil e cudromach dhaibh beachdan an t-sluaigh fhaighinn air a' phlana leasachaidh aca.