BnG "a' dèanamh an dìcheill"

Clas

Tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh an dìcheill tuilleadh thidsearan Gàidhlig a thrèanadh agus leanaidh iad orra a' dèanamh sin.

Sin freagairt Stiùiriche Foghlaim a' Bhùird, Mona Wilson, do ghearain gu bheil gainneid thidsearan a' ciallachadh nach eil foghlam Gàidhlig ag obair mar a bu chòir.

A' bruidhinn aig Holyrood Diciadain, thuirt Carol Henderson, aig a bheil clann ann an Sgoil Chondobhrait ann an ceann a tuath Shiorrachd Lannraig, gum bu chòir sin a chur ceart mus tèid foghlam Gàidhlig a leudachadh gu àiteachan eile.

"An t-ùghdarras ionadail a bha sinn a' bruidhinn air an-diugh, tha duilgheadasan air a bhith aca," thuirt a' Bh-Ph. Wilson.

Fòrladh Mathaireil

"Ach tha mi a' smaoineachadh, ma thèid sinn air ais chun an ùghdarrais ionadail a tha sin, agus bruidhnidh sinn mu dheidhinn nan duilgheadasan a th' aca, agus feuchaidh sinn ri taic a chur riutha a thaobh tidsearan a lorg.

"Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig, a' dèanamh ar dìcheill mar gum biodh a' sanasachd obair cho luath 's a tha e a' tighinn a-mach.

"Ach mura h-eil tidsearan ann, chan urrainn dhuinn na postaichean sin a lìonadh.

"Tha sinn a' dèanamh ar dìcheill cuideachd cùrsaichean ùra a lìbhrigeadh airson dreuchdan a tha bàn.

"Ach a h-uile bliadhna, chan urrainn dhuinn a bhith deiseil airson daoine a tha a' dol dheth air fòrladh màthaireil 's rudan mar sin.

"Ach nì sinn ar dìcheall, mar a thuirt mi, a dhèanamh cinnteach gu bheil tidsearan ùra a' tighinn a-mach a h-uile bliadhna a lìonas na postaichean," thuirt i.

Chan eil a' Bh-Ph. Wilson ag aontachadh ris a' bheachd nach eil gu leòr thidsearan Gàidhlig ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad mar a bu chòir.

"Chan eil mise ag aontachadh buileach le sin," thuirt i.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dèanamh ar dìcheill mar a thuirt mi a chur a-mach cha mhòr 30 tidsear gach bliadhna.

"Ach ma thèid tòrr thidsearan dheth, chan eil comas againn na beàrnan a lìonadh.

"Agus tha fhios againn cuideachd gu bheil sin a' tachairt ann am foghlam tro mheadhan na Beurla," thuirt i.