Poilis a' rannsachadh fiosrachaidh ùir mu mhurt bancair

Alasdair MacUilleam Image copyright Police Scotland

Tha na Poilis a' rannsachadh fiosrachaidh a fhuair iad às ùr mu chùis mhuirt a' bhancair à Inbhir Narann, Alasdair MacUilleam, bho chionn dusan bliadhna.

Dh'fhòn neach a-steach gu Radio Alba Diluain agus iad a' cumail a-mach gun robh fiosrachadh ùr aca mun chùis.

Bha prògram Iain Beattie Diluain a' togail air gun robh dusan bliadhna bho chaidh Mgr MacUilleam a mhurt, agus chaidh agallamh a chraoladh mun chuspair.

An dèidh làimhe, dh'fhòn neach gu BBC Scotland agus chaidh am fiosrachadh a chur a dh'ionnsaigh nam Poileas anns a' bhad.

Bha an neach ag ràdh gun robh fiosrachadh aige mun duine a mhuirt Mgr MacUilleam agus carson.

Rannsachadh Poilis

Thuirt na Poilis gu bheil a' chùis fhathast fosgailte.

Thuirt an Detective Supt. Gary Coineagan gum beachdaicheadh na Poilis air a h-uile càil air am faigheadh iad cothrom - a thaobh forensics agus obair rannsachaidh eile.

Chaidh Alasdair MacUilleam, 30, a mhurt nuair a chaidh losgadh air le gunna air an starsaich aige fhèin ann an Inbhir Narann anns an t-Samhain 2004.

Chaochail e a-rithist san ospadal.

Thug am murtair - duine tapaidh le ad - cèis litreach dha mus do loisg e air le gunna a chaidh a dhèanamh sa Ghearmailt.

Chaidh an gunna a lorg anns an Dùbhlachd 2004 ann an drèana air Rathad Seabank anns a' bhaile.

A dh'aindeoin deuchainnnean, cha deach DNA sam bith a lorg.

Chaidh rannsachadh mòr poilis a thòiseachadh aig an àm ach thuige seo, cha deach grèim fhaighinn air cò bh' air cùl na cùise.