£225,000 do dh'Eileanan Abhainn Nis

Eileanan Abhainn Nis Image copyright Alpin Stewart/Geograph

Thèid £225,000 a chosg airson obair càraidh a dhèanamh an Eileanan Abhainn Nis.

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd na cùmhnantan obrach a-mach gu tairgse air an ath-mhìos.

'S e amas a' phroiseict Eileanan Abhainn Nis a chumail aig an ìre a bu chòir.

Dh'aontaich comhairlichean a' bhaile £225,000 a chur a dh'ionnsaigh drochaidean, slighean coiseachd agus bruaichean na h-aibhne a tha a' falbh leis an t-struth.

Tha an t-airgead a' tighinn bho Stòras Maith Coitcheann Inbhir Nis.

Thuirt Pròbhost a' bhaile gu bheil meas mòr aig an dà chuid luchd-turais agus muinntir na sgìre air a' cheàrnaidh seo den bhaile.

Dh'inns an Comh. Eilidh NicIlleMhìcheil cuideachd gu bheil fadachd oirre fhèin agus air comhairlichean gus an tòisich an obair càraidh.