£95m do raointean QinetiQ

Hiort Image copyright NTS
Image caption Thèid goireasan an airm ann an Hiort a leasachadh.

Thàinig dearbhadh gum fuirich Raon nan Rocaidean ann an Uibhist fosgailte gu co-dhiù 2028, agus cùmhnant ùr £1bn ga thoirt don chompanaidh QinetiQ a tha ga ruith.

Tha £180m den airgead sin, a tha na phàirt den chùmhnant eadar QinetiQ agus Ministreachd an Dìon (MoD) mu choinneimh obair aig Raon Uibhist, an t-ionad a th' aig a' chompanaidh aig Aberporth sa Chuimrigh, agus aig MoD Boscombe Down ann an Wiltshire.

'S e Raon Uibhist, a chaidh a stèidheachadh sna 1950an, fear de na raointean losgaidh as motha san Roinn Eòrpa.

Campa an Iar

Thathas ga chleachdadh airson siostaman armachd leithid Rapier fheuchainn, agus san Dàmhair am-bliadhna ghabh e pàirt anns an eacarsaich "cogadh ròbot" ùr aig a' Chabhlachd Rìoghail, Unmanned Warrior.

Aig an aon àm dh'innis Qinetiq do Radio nan Gàidheal gun tig earrann mhòr den làraich ann am Baile Mhanaich air ais chun an MoD an ath-bhliadhna - agus dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air obraichean.

San Dàmhair an-uiridh agus am bliadhna chruinnich feachdan bho ghrunn dhùthchannan air taobh an iar na h-Alba airson deuchainnean a dhèanamh air armachd agus uidheamachd ùr agus bha raon nan rocaid aig teis mheadhan na h-iomairt sin.

Dòigh-obrach

Tha dòigh-obrach an raoin air atharrachadh gu mòr.

Chan eil na h-àireamhan mòra de shaighdearan a' tighinn dhan eilean aig àm dheuchainean mar a bha - agus mar sin chan eil feum aig Qinetiq air na th' aca de thogalaichean aig a' Champa an Iar ann am Baile Mhanaich.

An ath-bhliadhna tillidh a' chuid mhòr dhen làraich sin gu Ministearachd an Dìon.

Dh'fhaodhadh gun toir an t-atharrachadh seo buaidh air cosnaidhean.

Thuirt Stiùiriche Obraichean aig Qinetiq, Graeme Moireasdan, gum bithear a' lùghdachadh goireas a' Champa an Iar ann am Beinn nam Faoghla, far a bheil sianar luchd-obrach, còmhla ri seirbheisean bìdhe le cumhnantaiche ionadail aca.

"Thèid ath-leasachadh a dhèanamh air goireas nas lugha, agus thairis air na deich mìosan a tha romhainn bithear ag ath-sgrùdadh co mheud neach-obrach air am bi feum an sin".

Tha teagamhan air a bhith mu choinneamh an raoin ann an Uibhist, a tha a' cumail cosnaidh ri mòran san sgìre, bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Chaidh innse na bu thràithe air a' bhliadhna gun deadh goireasan airm ùra a thogail ann an Hiort, a tha ga chleachdadh mar ionad lorgaidh urchairean a thèid a losgadh à Uibhist.