Leasachadh ga dhèanamh air Raon Rocaidean Uibhist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thèid co-dhiù £60m a chosg a' leasachadh Raon Rocaidean Uibhist

2 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid obair-leasachaidh luach co-dhiù £60m a dhèanamh aig Raon nan Rocaid ann an Uibhist.

Thèid cuibhreann math dhen obair a dhèanamh ann an Hiort, agus cuiridh seo dìon air a' raon airson co-dhiù dusan bliadhna eile.

Aig a' cheart àm, tha QinetiQ air innse dhan a' BhBC gun tèid earrann mhòr dhen làraich ann am Baile Mhanaich a chuir air ais fo smachd an MoD - agus gur ma dh'fhaoidte gun toir sin buaidh air obraichean.

Seo an tè-naidheachd againn ann an Uibhist, Shona NicDhòmhnaill.