"Atharraichidh mi e" - Foran

Wright is Foran Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gu bheil fios aige dè na laigsean a tha san sgioba is gun dèan e atharrachaidhean.

Bha Richie Foran a' bruidhinn às dèidh dhan sgioba tuiteam gu bonn na Prìomh Lìge air an deireadh-sheachdain.

Chaill ICT 3-0 an aghaidh St Johnstone is an sgiobair, Gary Warren, air a chur far na pàirce.

B' e seo an ceathramh geama ann an sreath a chaill sgioba Inbhir Nis.

Thuirt Foran gu bheil ùine gu leòr ann gnothaichean a chur ceart, is gur e sin a nì e.

"Is urrainn dhomh fhaicinn na tha a' dol ceàrr", thuirt Foran.

Dìon

"Tha mi an amharas gu bheil cus de chluicheadairean adhartach againn, is gu bheil feum againn air barrachd chluicheadairean dìonach.

"Tha fios agam dè dh'fheumas atharrachadh, is tachraidh e".

Thig Hamaltan a dh'Inbhir Nis Disathairne seo tighinn.

Fhad 's a tha Inbhir Nis air a bhith a' tuiteam, tha Ross County air sreap na lìog anns na seachdainnean mu dheireadh.

Thog sgioba Inbhir Pheofhatharain puing eile Disathairne le breab-peanais anmoch sa gheama bho Liam Boyce gam fàgail co-ionnan 2-2 ri Hearts.

Stad

Bha breab-peanais fiù 's na b' anmoiche aig na Jambos ach shàbhail Scott Fox County le stad a chur air oidhirp Jamie Walker.

Tha County a-nise gun chall anns na ceithir geamaichean mu dheireadh aca.

"Sheall sin ar spiorad", thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir.

"Tha mi air mo dhòigh dha na balaich oir chuir iad tòrr a-steach dhan gheama is chluich iad glè mhath.

"Bhiodh e air a bhith gu math cruaidh oirnn gun dad idir fhaighinn às a' gheama a bha sin", thuirt e.

Thèid County gu Dùn Dè Disathairne.