An Comann Saoghalta ag iarraidh fosgladh Sàbaid

Ionad Spors Leòdhais

Tha an Comann Saoghalta a' cur an taic ris a' bhuidhinn a tha a' strì airson Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid.

Bho dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar an t-ionad fhosgladh Là na Sàbaid air sgàth na cosgais, tha Families into Sport and Health, no FiSH, air a bhith a' feuchainn ri airgead a thogail airson sgeama poidhleit Sàbaid a dhèanamh.

A-nis, tha an Comann Saoghalta ag iarraidh air mòr-shluagh Bhreatainn an cuideachadh is airgead a thoirt dhan iomairt.

Thuirt Ùisdean MacLeòid bho FiSH gun robh iad air còrr air £6,000 not a thogail mu thràth agus gu bheil gu leòr an sin airson sgeama poidheit bliadhna.

Bha a' chomhairle ag ràdh gun cosgadh e còrr air £11,000 fhosgladh air an t-Sàbaid airson dà bhliadhna.

Bhòt làn-choinneamh de Chomhairle nan Eilean Siar 19-9 anns an Dàmhair an aghaidh a bhith a' fosgladh Ionad Spòrs Leòdhais (ISL) air an t-Sàbaid.