Seirbheisean rèile troimh-chèile

Thuirt ScotRail gum bi seirbheisean rèile eadar Obar Dheathain agus Inbhir Nis troimh-chèile às dèidh mar a bhuail làraidh drochaid.

Thachair an tubaist aig Talla Chèith mu 0730 Diluain.

Thuirt ScotRail gum faod daoine an ticeadan a chleachdadh air busaichean First Bus eadar Deis agus Obar Dheathain agus air busaichean Stagecoach eadar Obar Dheathain, Inbhir Ùraidh, Hunndaidh, Baile Chèith agus Eilginn.