Clàr dhan fhear-ruith Donaidh Caimbeul

Donaidh Caimbeul Image copyright Tom Owens, Salomon
Image caption 'S e Donaidh Caimbeul an dàrna duine a rinn Ramsay's Round tron gheamhradh

Bhris am fear-ruith Donaidh Caimbeul clàr airson a bhith a' ruith agus 24 beanntan a shreap ann an 24 uairean a thìde.

Chuir Maighstir Caimbeul, 32, Sgitheanach a tha na fhear-trèanaidh pearsanta an Dùn Èideann, crìoch air Ramsey's Round ann an 23 uairean a thìde agus sia mionaidean Disathairne.

Chaidh e 56 mìle agus dhìrich e 28,000tr anns na beanntan an ear air a' Ghearasdan.

Tha dùil gur e an dàrna duine a rinn an cùrsa taobh a-staigh là tron gheamhradh.

Thuirt Maighstir Caimbeul gun robh e am measg na rudan bu dorra a rinn e a-riamh.

Rinn e a' chùis air Jon Gray a rinn Ramsay's Round ann an 2013, is e 12 diogan na bu luaithe.

Thuirt e ris a' BhBC: "Bha e brùideil. Thuit mi às dèidh dhomh a dhol tarsainn na loidhne crìochnachaidh às dèidh dhomh ruith sìos Beinn Nibheis."

Thuirt e gun robh e ag amas air a dhèanamh na bu luaithe na 24 uairean a thìde.

Tha 24 mullaichean ann an Ramsay's Round - 23 Rothaich nam measg.

Tha Rothaich còrr air 3,000tr a dh'àirde.

Tha an cùrsa air ainmeachadh às dèidh Theàrlaich Ramsay, a rinn e ann an 23 uairean a thìde agus 58 diogan ann an 1978.

Image copyright Tom Owens, Salomon
Image caption Dhìrich Donaidh Caimbeul 8,500m agus ràinig e 24 mullaichean

Thug Maighstir Caimbeul taing dhan sgioba taic aige agus dha theaghlach.