Clach-mhìle do Chamanachd Leòdhais

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
10 bliadhna de Chamanachd Leòdhais.

Tha Camanachd Leòdhais a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte is 10 bliadhna ann bho chaidh an cluba a stèidheachadh às ùr.

Bha an Dotair Alasdair Barden nach maireann air iomain a thilleadh a Leòdhas le geama Bliadhna Ùire ann an 1995, is lean oidhirpean às dèidh sin gus òigridh a bhrosnachadh a dhol an sàs san spòrs.

Shoirbhich le na h-oidhirpean gu ìre, ach 's e Camanachd Leòdhais a chur air chois às ùr air 7/12/06 a' bhunait a bh' ann airson iomain anns na h-Eileanan an Iar a ghluasad air adhart ìre eile.

'S ann an Sgoil MhicNeacail a chaidh an ceum eachdraidheil ud a ghabhail.

"Mhothaich mi gun robh grunn mhath de bhalaich a bha easgaidh agus an ìre mhath comasach ann agus mar sin chruinnich sinn còmhla san t-seòmar-theagaisg agam", thuirt Eòghan Stiubhàrt, a bha a' teagaisg Gàidhlig aig Sgoil MhicNeacail aig an àm.

"Bun-stèidh"

"Sin far an do chuir sinn an cluba air bun-stèidh ùr agus 's ann an uairsin a thàinig a h-uile càil eile.

"Bha e gu math neònach is bha a h-uile duine gu math òg is easgaidh - agus 's dòcha gòrach aig an àm - is cha robh sinn buileach cinnteach dè bha gu bhith romhainn ach tha a h-uile càil a tha air tachairt air tighinn bhon oidhche a bha siud", thuirt e.

Rinn gòraiche na h-òigridh feum, oir 's dòcha nach robh feadhainn na b' aosta is na bu ghlice air an dùbhlan a ghabhail os làimh is cluba à Leòdhas a chur an aghaidh chlubaichean stèidhichte ann am farpaisean nàiseanta.

B' e sin an ceum a ghabh na Leòdhasaich nuair a chluich iad ann am farpaisean chupa nàiseanta 'son a' chiad uair ann an 2007.

Bha làithean doirbh ann an toiseach - mar a bhitheadh - ach chum iad orra, is thàinig ceum mòr eile nuair a shoirbhich le Camanachd Leòdhais àite fhaighinn ann an siostam lìge Chomann na Camanachd.

Bha a' chiad gheama ann Disathairne an 6mh den Mhàirt 2011 is rinn Calum Stamper eachdraidh leis a' chiad tadhal lìge aig Camanachd Leòdhais, is gu dearbha a' chiad tadhal lìge de sheusan ùr na h-iomain.

Tha adhartas Camanachd Leòdhais air leantainn mean air mhean bhon uairsin, is Cill Mhàillidh, Loch Abar, Cabair Fèidh is Both Fhleisginn am measg nan clubaichean air an do rinn iad a' chùis.

Thàinig clach-mhìle mhòr eile ann an 2014 le sgioba bhoireannach ga stèidheachadh.

Tha na boireannaich iad fhèin air tighinn air adhart gu math sgiobalta, is iad mar-thà a' cumail ceann a' mhaide ri sgiobaidhean à Tìr-Mòr.

Tha obair mhòr a' dol aig ìre òigridh, obair a tha an cluba an dòchas a chruthaicheas sreath leantainneach de chluicheadairean òga tàlantach, boireann is fireann.

Gu cudromach, tha iomain air a stèidheachadh ann an Sgoil MhicNeacail.

Togail

Aig ìre chiad sgioba nam fear, fuirichidh Donnchadh Mac an t-Saoir mar mhanaidsear 'son 2017, is bidh e ag amas air togail gu sònraichte air an dàrna leth de 2016 nuair a thog na Leòdhasaich orra às dèidh toiseach-tòiseachaidh car doirbh den t-seusan.

Nì iad sin às aonais Eòghan Stiùbhart, is an tidsear mòr Gàidhlig air co-dhùnadh ceum air ais a ghabhail bhon chluba.

"Leis gu bheil mi a' fuireach air Tìr-Mòr a-nise, bha e a' fàs nas doirbhe dhomh siubhail air ais is air adhart, is ghabh mi beachd gum biodh e na b' fheàrr seasamh air ais agus leigeil le balaich às an eilean a bhith a' cluich", thuirt Eòghan.

"Tha Camanachd Leòdhais air fìor dheagh bhun-stèidh, tha fìor dheagh dhaoine an sàs sa ghnothach.

"Ged a bhios mi ag ionndrainn a bhith a' cluich, bidh e uabhasach math a bhith a' faicinn na sgioba a' leasachadh san 10, 20, is 30 bliadhna a tha ri teachd", thuirt e.

Tha suidheachadh Camanachd Leòdhais a' ciallachadh nach bi gnothaichean a chaoidh furasta dhaibh ann an structar lìge nàiseanta, oir feumaidh na Leòdhasaich obair mhòr a chur a-steach dìreach a bhith nam pàirt den structar sin.

Faodaidh iad a bith misneachail, ge-tà, gu bheil an obair as cruaidhe air an cùlaibh, is gu bheil bun-structair a-nise ann airson iomadh bliadhna eile ri tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile