Cailean Ceannadach a' gairm coinneimh

Cailean Ceannadach
Image caption Choisich Cailean Ceannadach a-mach à coinneimh àbhaistich a' Chomisein ann am Brùra san t-Sultain.

Tha Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceannadach, air coinneamh phrìobhaideach den Choimisean iarraidh Dihaoine air thoiseach air a' choinneimh àbhaistich Diciadain seo tighinn.

Chan eil an Coimisean air coinneachadh bho bhòt buill iarraidh air Mgr Ceannadach seasamh sìos san t-Sultain.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Mgr Ceannadach airson oidhirp a dhèanamh buil na bhòta sin atharrachadh.

Dhearbh Coimisean na Croitearachd gu bheil Fear-Gairm a' Choimisein air tagradh a chur a-steach airson coinneamh shònraichte den Choimisean a chumail Dihaoine.

B' ann aig a' choinneimh shònraichte mu dheireadh ann am Brùra aig deireadh na Sultaine a bhòt buill iarraidh air Cailean Ceannadach seasamh sìos bho a dhreuchd.

Chaidh a' choinneamh shònraichte sin a chumail an dèidh do Mhgr Ceannadach stad a chur air a' choinneimh àbhaisteach an là ud, 's e a' coiseachd a-mach gun càil air a chlàr-ghnothaich a dheasbad.

Cha do choinnich an Coimisean mar a bu chòir san t-Samhain, oir cha b' urrainn gu leòr bhall fhaighinn chun na coinneimh.

Thuirt Mgr Ceannadach ron seo gu bheil e den bheachd nach robh a' choinneamh shònraichte ann am Brùra far an deach iarraidh air seasamh sìos ceadaichte fo riaghaltean a' Choimisein.

Thathas a' tuigsinn gur e an t-amas a th' aige leis a' choinneimh phrìobhaidich Dihaoine cur às dha na co-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh aig a' choinneimh ann am Brùra.

Mura tèid aige air sin a dhèanamh tha ceist ann ciamar as urrainn dha a bhith na Chathraiche nuair a choinnicheas an Coimisean airson na coinneimh àbhaistich aca Diciadain seo tighinn.