Cearcan uile gu bhith a-staigh 30 là

Luchd-obrach slàinte bheathaichean san Òlainnd Image copyright AFP

Dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba gun tèid a h-uile cearc agus tunnag, agus eòin eile den leithid a tha daoine a' cumail ann an Alba a chumail a-staigh fad 30 là.

Ghairm an Riaghaltas Sòn Dìon Flù nan Eun, a' còmhdachadh na h-Alba air fad.

Tha òrdugh coltach ris a' toirt buaidh ann an Sasainn cuideachd, agus ann an iomadh dùthaich Eòrpach eile.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil seo a' tighinn agus aithrisean ann air a' ghalar a' marbhadh eun fiadhaich ann an sgìrean de Thìr-Mòr na Roinn Eòrpa.

Bith-thèarainteachd

Tha an t-òrdugh a' toirt buaidh air a h-uile duine a tha a' cumail eun, bho thuathanaich mhòra gu feadhainn aig a bheil beagan chearcan no tunnagan no eile sa ghàrradh aca.

Feumaidh iad gu laghail "a h-uile ceum practaigeach a ghabhail a dhèanamh cinnteach gun cum na h-eòin aca air falbh o eòin fhiadhaich".

Thuirt an Riaghaltas gu bheil sin a' ciallachadh, sa bhitheantas, gum feumar an cumail a-staigh.

"Ghairm sinn sòn dìon 30 là mar cheum earalais gus gnìomhachas luachmhor nan eun ann an Alba a dhìon, gu h-àraid agus an Nollaig a' tighinn," thuirt Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Fearghas Ewing.

"Tha e cudromach a dhèanamh soilleir nach deach cùis sam bith den ghalar fhaighinn san RA.

"Tha Riaghaltas na h-Alba agus na compàirtichean aca a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh san Roinn Eòrpa, agus tha iad deiseil freagairt a thoirt air amharas sam bith gu bheil an galar an Alba," thuirt e.

Thuirt an t-Àrd-Bheat, Sheila Voas: "Tha an ìre chunnairt bho HPAI do dh'eòin san RA fhathast "ìosal, ach air àrdachadh", ged a chaidh sin a thogail gu "meadhanach" do dh'eòin fhiadhaich.

"Tha e àbhaisteach a bhith a' faicinn leithid seo de ghalairean a' dol mun cuairt am measg eun fiadhaich aig an àm seo den bhliadhna, ach is coltach gu bheil an sreath den ghalar a tha ri lorg san Roinn Eòrpa gu sònraichte bhioralach, agus thathas draghail mu dheidhinn sin.

"Tha a bhith a' cumail eun a-staigh a' cuideachadh ann a bhith a' seachnadh a' bhìorais, cho fad 's a chumas luchd-cumail eun deagh bhith-thèarainteachd air an fhearann aca, agus gum bi iad furachail airson chomharran galair sam bith.

"Na biodh dragh sam bith air daoine mu bhith ag ithe uighean no feòla eòin," thuirt i.

Thòisich an t-òrdugh air 6mh an Dùbhlachd, agus mairidh e fad 30 là.