Beachd Uibhisteach ga iarraidh air fearann

Druim Mòr Image copyright Greg Morss/Geograph

Tha a' Chompanaidh Coimhearsnachd, Sealladh na Beinne Mòire, ann an Uibhist a Deas a' beachdachadh air na bu chòir dhaibh a dhèanamh le pìos mòr fearainn air taobh siar an eilein.

Thèid tuathanasan Dhruim Mòr agus Grògarraidh a thilleadh chun na buidhne, 's am fear aig a bheil an talamh air màl airson a chur bhuaithe às dèidh 30 bliadhna.

A rèir chathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, tha iad a' coimhead air grunn roghainnean 's iad ag iarraidh beachd a' phobaill orra.

"Fhuair sinn daoine airson coimhead air feuch dè na roghainnean a dh'fhaodadh a bhith againn," thuirt e.

"Thàinig an aithisg a tha sin a-mach, agus tha a-niste againn an-dràsta gu bheil an dàrna cuid cuideigin ga ghabhail thairis mar a tha e; dh'fhaodar a bhristeadh suas ann an dà thac nam biodh ùidh aig daoine an sin; dh'fhaodar dìreach an ionaltradh a chur a-mach o bhliadhna gu bliadhna air màl; dh'fhaodadh a ghearradh suas ann an croitean, nam biodh ùidh ann an sin.

"Tha iomadach dòigh air an gabhadh e dèanamh, agus aig an ìre seo, an rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, 's e beachdan fhaighinn air ais a-steach dìreach dè an ùidh a dh'fhaodadh a bhith ann airson fear seach fear dhiubh," thuirt e.