Ceum air adhart do Thaigh-Staile Ratharsair

Làrach an taighe-staile Image copyright John Allan/Geograph

Ghabh pròiseact Taigh-Staile Ratharsair ceum mòr air adhart Dimàirt agus air dà staile chopair fhaighinn.

Tha an obair a' sìor dhol air adhart air làrach a' chiad thaigh-staile laghail san eilean, 's iad an dòchas gun tòisich iad a' dèanamh an uisge bheatha 'san Iuchar an ath-bhliadhna.

"Tha iad a' faighinn nan stailean ùra a-steach, às an Fhraing tha mi a' smaoineachadh a thàinig iad," thuirt John Willie MacGillÌosa, a tha a' fuireach an Ratharsair.

"Tha e dìreach a' toirt obraichean dhan àite.

Sluagh

"Ann an àite beag mar a tha Ratharsair, tha e a' cunntas ma tha deich no dusan obraichean ann, tha e a' dèanamh feum mhòir.

"Agus tha e a' dèanamh feum mhòir gu bheil rudan a' tighinn air adhart mar seo, an àite can an taigh a bhith na shuidhe falamh, tha taigh-staile gu bhith ann a-nise.

"'S tha tòrr rudan a' tighinn a bhios a' toirt cuideachaidh dha daoine cuideachd.

"Mar a tha sinn fhìn, mar chroitrearan, bidh sinn a' faighinn drabh a-mach às an taigh-staile.

"Bha iad a' bruidhinn ri mo bhràthair cheana mu dheidhinn 's dòcha a bhith a' fàs eòrna ann an seo.

"Tha mi a' creidsinn gum fàs e glè mhath, ach 's e fhaighinn tioram.

"Chan eil an taobh an iar an seo cho tioram 's a tha an taobh an ear co-dhiù airson a bhith a' tioramachadh eòrna.

"Chì sinn mar a thèid sin air adhart.

"An rud a thachras tha mi cinnteach, leis an taigh-staile, gun tig daoine a-steach dhan eilean, a dh'fhuireach, agus tha sin a' toirt cuideachaidh gu h-àraid dhan sgoil.

"Chan eil ach sianar anns an sgoil an-dràsta.

"Nì sin feum. Feumaidh a h-uile dad, mar a tha a' bhùth 's an sgoil gu h-àraid. Feumaidh sinn an sgoil a chumail fosgailte. Sin agad an rud a tha cudromach dhan àite," thuirt e.