Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Àrd-Chùirt

Tha dùil gun dèan Àrd-Oifigear Lagh Riaghaltas na h-Alba tagradh anns a' Phrìomh Chùirt an-diugh gum bu chòir cead Phàrlamaid na h-Alba fhaighinn mus cuir Theresa May Artaigil 50 an sàs. Chaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dhan Phrìomh Chùirt le tagradh an aghaidh co-dhùnadh na h-Àrd-Chùirte gu bheil cead na Pàrlamaid ann an Lunnainn a dhìth mus tachradh sin.

Brexit

Bhòtaidh Taigh nan Cumantan an-diugh, airson a' chiad uair, air planaichean an Riaghaltais airson Brexit. Thuirt Theresa May gum foillsich ise strataidsidh an Riaghaltais airson falbh às an Aonadh Eòrpach cho fad 's gun cuir Taigh nan Cumantan taic ris a' phlana airson Artaigil 50 a chur an sàs ro dheireadh a' Mhàirt.

Pfizer

Chaidh càin de £84m air a' chompanaidh Aimeireaganaich, Pfizer, airson prìs ro àrd air drogaichean airson an tinneis-thuiteamaich a bha iad a' reic ris an NHS. Dh'èirich prìs an droga còrr 's 2500% nuair a reic Pfizer na còraichean ri companaidh Bhreatannaich, Flynn Pharma, air an deach càin de £5m. Thuirt Ùghdarras na Farpais agus Margaidh gun robh a' phrìs sin mì-choltach agus mì-chothromach. Thuirt an dà chompanaidh gum bi iad a' tagradh an aghaidh na càine.

Foghlam

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, nach eil e a' faicinn dad ceàrr air an aon bhuidhinn a bhith an dà chuid a' riaghladh agus a' cumail taic ri teagasg an Alba. Tha an t-aonadh EIS, na Tòraidhean agus na Làbaraich ag iarraidh a' bhuidheann sin, Foghlam Alba, a bhristeadh suas an dèidh sgrùdaidh eadar-nàiseanta a tha ag ràdh gu bheil sgoiltean na h-Alba a' dèanamh nas miosa na bha iad a-riamh ann am matamaig, leughadh agus saidheans.

Coimisean na Croitearachd

Dh'iarr Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd coinneamh phrìobhaideach den choimisean Dihaoine, ron choinneimh shlàin an ath-sheachdain. Tha e coltach gu bheil Cailean Ceannadach a' dol a dh'fheuchainn ri cur às dhan cho-dhùnadh aig a' choinneimh mu dheireadh a dh'iarr air a dhreuchd a leigeil dheth.

Indonesia

Tha na h-ùghdarrasan ann an Indonesia ag ràdh gun deach faisg air ceud duine a mharbhadh an dèidh crith-thalmhainn ann an sgìre Aceh. Tha dragh ann gun èirich an àireamh sin leis gu bheil sluagh mòr a' fuireach anns an sgìre, agus thuirt oifigich gu bheil ceudan dhaoine gun bhiadh, uisge no fasgadh.

Siria

Chaidh aithris gun do ghabh feachdan an Riaghaltais ann an Siria smachd air na sgìrean mu dheireadh a bha aig na reubaltaich ann an seann bhaile Aleppo. Tha na reubaltaich ag iarraidh stad air an t-sabaid gus am faigh sìobhaltaich a-mach às na sgìrean sin.

Sealladh na Beinne Mòire

Tha a' chompanaidh choimhearsnachd, Sealladh na Beinne Mòire, dham buin Oighreachd Uibhist a Deas, ag iarraidh beachd na coimhearsnachd agus iad a' tomhas dè bu chòir dhaibh a dhèanamh le pìos mòr fearainn air taobh siar an eilein. Gheibh a' chompanaidh sealbh air tuathanasan Dhruim Mòr agus Ghròigearraidh agus Tormod MacAsgaill, aig a bheil iad air màl an-dràsta, gan cur bhuaithe.