Aodann a' Bhrusaich

Raibeart am Brusach
Image caption Bha Raibeart am Brusach 54 bliadhna de dh'aois nuair a bhàsaich e ann an 1329.

Foillsichidh luchd-rannsachaidh bho oilthighean ann an Glaschu agus Liverpool ìomhaigh den choltas a bh' air Raibeart am Brusach, 's iad den bheachd gur e seo an ìomhaigh as fheàrr a chaidh a chur ri chèile riamh de laoch Allt a' Bhonnaich.

Chaidh seo a dhèanamh le bhith a' cleachdadh nam prògraman coimpiutaireachd às ùire, a bhios ag ath-chruthachadh a' choltais a th' air aodannan dhaoine, stèidhichte air an claignean.

Tha mòran eile air feuchainn, ach tha an sgioba seo a' smaoineachadh gur iad a th' air tighinn as fhaisge air aodann a chur ris an ainm.

Thàinig an smuain bho eòlaichean eachdraidh aig Oilthigh Ghlaschu, far a bheil modail plastair, a tha 200 bliadhna de dh'aois, de chlaigeann Raibeart a' Bhrusaich.

Cugallach

Tha Raibeart am Brusach ainmeil airson na buaidh a thug e air arm Shasannach aig Blàr Allt a' Bhonnaich ann an 1314.

Dh'obraich an sgioba còmhla ris an Deuchainnlann Aodainn aig Oilthigh Liverpool John Moores (OLJM) a bhios gu sònraichte a' dèanamh ath-chruthachaidh air ìomhaighean dhaoine, mar a rinn iad air an Treas Rìgh Ridseard Shasainn.

Tha iad a-niste air an aon rud a dhèanamh le Raibeart am Brusach, Rìgh na h-Albann.

Thuirt ceannard a' phròiseict, an Dr. Màrtainn MacGriogair, a tha na àrd-òraidiche eachdraidh aig Oilthigh Ghlaschu, gur dòcha gur e am Brusach an neach as cudromaiche ann an eachdraidh na h-Alba.

"Dar a chaidh a chrùnadh ann an 1306, bha Alba ann an suidheachadh air leth cugallach," thuirt e.

"Bha a' Chiad Rìgh Eideard Shasainn air innse gur e "tìr" seach "rìoghachd" a ghairmte air Alba bho sin a-mach.

"Cha chreid mi gun deidhinn ro fhada nan canainn, mura b' e gun do shoirbhich leis a' Bhrusach san iomairt aige, gur dòcha nach biodhmaid nar suidhe an seo an-diugh a' bruidhinn mu Alba idir."

Tuama Òraichte

'S ann aig Taigh-Tasgaidh Hunterian Oilthigh Ghlaschu a tha cumadh plastair de chlaigeann a chaidh a lorg o chionn 200 bliadhna nuair a bhathas ag ath-thogail Abaid Dhùn Phàrlainn, far an deach am Brusach a thiodhlacadh.

Ged nach urrainnear a bhith gu tur cinnteach, tha eòlaichean eachdraidh reusanta misneachail gur e claigeann a' Bhrusaich a th' ann.

Chaidh tuam a' Bhrusaich, a bha gu math iunntasach 's e air a thoirt a dh'Alba à Paris, air a sgeadachadh ann am marbhal dubh is geal, le òrachadh uime, a sgrios aig àm an Ath-leasachaidh.

Ach tràth san 19mh Linn, domhain fo bhun-stèidh Abaid Dhùn Phàrlainn, lorg luchd-cladhaich mìrean de mharbhal dhubh is gheal, cuid dheth air òrachadh.

Fodha sin, lorg iad ciste-laighe air a lìnigeadh le luaidh, san robh dust daonna, an claigeann na mheasg. Chaidh an dust ath-thiodhlacadh, ach chaidh cumadh plastair a dhèanamh den chlaigeann an toiseach.

Gu follaiseach, cha do sheall an fhianais arc-eòlach dath shùilean agus gruaig an Rìgh.

Thathas a' tuigsinn gun robh e tinn mus do bhàsaich e ann an 1329, le cuid de dh'aithrisean ag ràdh gur e an luibhre a bh' air.

Airson dath a' chraicinn fhaighinn ceart, thuirt an t-Oll. Caroline Wilkinson, a tha na stiùiriche air an Deuchainnlann Aodainn aig OLJM, gun do rinn iad dà dhreach - fear gun an luibhre, agus fear eile le beagan den luibhre.

"Dh'fhaodadh gun robh an luibhre air, ach ma 's e 's gun robh, bhiodh e ao-coltach gun robh e ri fhaicinn gu soilleir air aodann, oir chan eil iomradh air ann an cunntasan eachdraidheil," thuirt i.

Tha an ìomhaigh ga cumail am falach gu nas fhaide den là Diardaoin, ach fhuair an Dr. MacGriogair ro-shealladh air.

Image caption Tha dùil gun robh an luibhre air Raibeart am Brusach nuair a bhàsaich e.

"Gheibh thu blasad dha-rìribh de charactar an duine san aodann," thuirt e.

"Tha fhios gur e duine iongantach a bh' anns a' Bhrusach. Tha na choilean e na bheatha ag innse sin dhuinn.

"Feumaidh gu robh neart adhbhair uabhasach san duine seo, a thuilleadh air beusan daonna eile - agus laigsean."

Ach thuirt an Dr. MacGriogair gum bu chòir do luchd-eachdraidh a bhith faiceallach mu aithne a' chlaiginn. Chaidh barrachd is aon Rìgh Albann a thiodhlacadh ann an Dùn Phàrlainn.

DNA

Tha an t-Oll. Dàibhidh Gaimster, stiùiriche an Hunterian, misneachail ge-tà, gur e aodann a' Bhrusaich a th' ann.

Image copyright Oilthigh Ghlaschu
Image caption Gu follaiseach, cha do sheall an fhianais arc-eòlach dath shùilean agus gruaig an Rìgh.

"Tha gu bheil na mìrean mìorbhaileach marbhail òraichte seo againn, an cnàmhlach fhèin, an lìnigeadh luaidh, doimhneachd na tuama, làrach na tuama, uile a' togail cùis làidir airson a bhith ag ràdh gur e seo dha-rìribh tuama Raibeart a' Bhrusaich."

Bha fianais DNA ann leis an Treas Rìgh Ridseard Shasainn, a thuilleadh air a chlaigeann fhèin.

Ach bhiodh e doirbh a leithid de dh'fhianais fhaighinn sa chùis seo.

Chan eil ach aon bhloigh de chnàmh à Abaid Dhùn Phàrlainn a dh'fhaodadh sampail DNA a thoirt suas.

Dhèanadh an obair sin sgrios air a' bhloigh a th' ann.

Tha prionnsabal gu math stèidhichte san leithid seo de shuidheachadh: fàg e, ann an dòchas gun tig dòigh nas fheàrr an ceann ùine.

Thuige sin, mairidh co-dhiù cuid den dìomhaireachd a tha a' cuairteachadh Raibeart a' Bhrusaich.

Thèid prògram aithriseach mun phròiseact, Ceann an Rìgh, a chraoladh air BBC ALBA aig 8:30f air 15mh an Dùbhlachd.