Càineadh air cidhichean ChnES

Cidhe Image copyright M J Richardson/Geograph

Chaidh a ràdh ri Comhairle nan Eilean Siar nach eil iad a' dèiligeadh leis na calaidhean a tha fo an cùram mar as còir fo stiùireadh nàiseanta air slàinte is sàbhailteachd.

Rinn eòlaiche bho Chomann Phort Bhreatainn rannsachadh a mhol 28 atharrachaidhean.

Nam measg sin bha barrachd luchd-obrach agus atharrachadh stiùiridh taobh a-staigh na Comhairle fhèin.

"Tha e na dhragh dhuinn aig an àm a tha seo, agus eagal oirnn gun fhios dè a dh'fhaodas a thighinn air adhart," thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail, Iain MacAoidh.

"Ach tha sinn a' comhead ris 's tha sinn a' dol a dhèanamh rudeigin mu a dheidhinn.

"Tha sinn a' dol a thoirt sùil air a h-uile cala a th' againn anns na h-Eileanan, agus tha sinn an dòchas an ceann dhà no thrì mhìosan gum bi a h-uile càil a tha sin againn air a chur an òrdugh.

"'S e airgead an cnap-starra a th' againne anns a h-uile càil a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.

"Feumaidh sinn airgead fhaighinn. Feumaidh sinn daoine a chur ann an àiteachan, o chionn agus gum bi sàbhailteachd aig mullach na liosta againn," thuirt e.

Thog an aithisg dragh mu stuth a bhith air fhàgail na laighe air cidhichean sna h-Eileanan, gus cuideachd mu shàbhailteachd cuid de na cidhichean fhèin.

Chan eil e soilleir dè tha e a' dol a chosg dhan Chomhairle a bhith a' cur an sàs nam molaidhean a rinneadh.