Adhartas do Thaigh-staile Ratharsair

Tha pròiseact Taigh-Staile Ratharsair air ceum mòr air adhart a ghabhail agus dà staile chopair air an t-eilean a ruighinn.

Tha an obair a' sìor dhol air adhart air làrach a' chiad thaigh-staile (laghail) san eilean.

Thathas an dòchas gun tèid 11 cosnadh a chruthachadh.

Bidh ionad-tadhail ann cuideachd.

Thàinig na stailean a Ratharsair à Tuscanaidh san Eadailt.

Thuirt an fheadhainn a tha a' togail an taigh-staille gur iad stailean à Tuscanaidh feadhainn cho chliùteach 's a th' ann.

Thathas dòchas gun tòisichear a' dèanamh an uisge-bheatha fhèin san Iuchar an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile