Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Thèid fear a bha na choidse ball-coise òigridh an Alba mu choinneimh na cùirte ann am Beul Feirste an-diugh fo chasaid gun robh e ri drabastachd le duine-cloinne. Chaidh Jim McCafferty, a bha ag obair do Celtic, Hibs agus dhan Eaglais Bhric, a chur an grèim fo chasaidean mu eucoir ann an Èirinn a Tuath. Tha Comann Ball-Coise na h-Alba, gu ruige seo, a' diùltadh rannsachadh a dhèanamh den t-seòrsa a tha Comann a' Bhuill-Choise ann an Sasainn a' dèanamh mu chasaidean drabastachd anns an spòrs.

Brexit

Tha a' Phrìomh Chùirt ag èisteachd ris an là mu dheireadh de dh'fhianais an-diugh anns a' chùis air cò aig am bi cead Artaigil 50, am pròiseas bhon tòisich Brexit, a chur an sàs. Cuiridh Àrd-Oifigear Lagh Riaghaltas na h-Alba, am Morair Tagraidh Seumas Wolffe, crìoch air argamaid ma 's e agus gum faigh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte facal anns a' chùis, gum feum Pàrlamaid Holyrood an aon chothrom. Tha am panail de bhritheamhan a' gabhail fianais cuideachd bho Riaghaltas na Cuimrigh.

Ionadan Obrach

Tha Riaghaltas na h-Alba a' faighneachd de Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean carson nach deach innse dhaibh gu bheil leth de dh'ionadan cosnaidh Ghlaschu a' dùnadh. Dh'innis an DWP an-dè gu bheil iad a' dùnadh leth de na h-ionadan sin mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air an cuid obrach. Thuirt an DWP gum bi conaltradh poblach ann air dùnadh a bheir buaidh sam bith air duine a dh'fheumas siubhal còrr 's trì mìle gu ionad cosnaidh.

HIE

Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar gu ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, agus gu Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, a' togail dragh mu shuidheachadh HIE. Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd cur às do bhòrd HIE agus a' bhuidheann leasachaidh a chur fo smachd aon bhùird ùir a bhios a' dèiligeadh ri buidhnean leasachaidh na h-Alba air fad, agus tha dragh ann gum fualaing na h-eileanan le sin.

Cothrom

Chan fhaigh ionad oideachaidh Cothrom ann an Uibhist a Deas ceangal ri bann-leathann fìor-luath ged nach eil an càball fibre ach beagan shlatan bhon togalach aca ann am Ormacleit. Tha a' bhuidheann air a bhith a' strì bho chionn còrr 's bliadhna airson ceangail, ach tha e coltach a-nise gum feum iad fhèin fuasgladh fhaighinn air agus 's dòcha pàigheadh air a shon a bharrachd air sin. Bheireadh seo droch bhuaidh gu h-àraid air oileanaich a bhiodh airson pàirt a ghabhail anns a' phròiseact e-sgoil aig Comhairle nan Eilean Siar.