Sean agus ùr

Bha Theresa May airson seo a chumail sìmplidh.

Bhruidhinn na daoine ann an reifreann an Òg-mhìos agus b' e dleastanas an riaghaltais aicese na thuirt iad a chur an gnìomh.

Uaireigin ron Mhàirt, leigeadh i fios don Aonadh Eòrpach fo Artagail 50 de Chunnradh Lisbon gun robh an Rìoghachd Aonaichte airson fhàgail.

(Chan e nach eil fhios aca mar-thà, ach is e sin an gnìomh foirmeil do dhùthaich a chuireas roimhpe cùl a chur ris an Aonadh Eòrpach).

An uair sin bhiodh dà bhliadhna airson còmhraidh mun chàideas eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach.

Dh'fhàgadh an clàr-ama sin gun tachradh Brexit air thoiseach air an taghadh Eòrpach ann an 2019 agus an taghadh coitcheann ann an 2020.

Argamaid

Ach cha bhruidhinn an riaghaltas air sgàth an t-sluaigh a-nis mus tèid glòr na Cùirte agus na Pàrlamaid a chluinntinn.

Thugadh orra smaointinn a-rithist le breith na h-Àrd-Chùirte nach gabhadh Artagail 50 a chur an gnìomh as aonais bhòt anns na Cumantan.

Sin, am beachd na h-Àrd-Chùirte, air sgàth 's gun toir Brexit còirichean air falbh bho dhaoine ann am Breatainn, rud urrainn don riaghaltas fhèin dèanamh.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a dhol don Phrìomh Chùirt gus cumail a-mach gu bheil iad saor Breatainn a thoirt a-mach anns an Aonadh Eòrpach fo chumhachdan a' Chrùin air cùisean cèin.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba air taobh eile an argamaid, ag ràdh gu feum bhòt a bhith ann an dà chuid aig Westminster agus aig Holyrood.

Stèidhich am Morair Tagraidh, James Wolffe an argamaid aige air laghan sean agus ùr.

Eachdraidh

Cho sean, mar eisimpleir, ri Tagradh na Còire 1689 a chuir bacadh air cumhachdan a' Chrùin - agus air còirichean Chaitligeach - ann an Alba.

Rinn e iomradh cuideachd air Achd an Aonaidh 1707 thug pàrlamaidean na h-Alba agus Shasainn còmhla, ag ràdh nach tug an t-seann Phàrlamaid Albannaich cumachdan gus lagh na h-Alba atharrachadh do Pharlamaid ùir na Rìoghachd Aonaichte agus chan ann don Chrùin.

Ghluais e tro thrì linntean de dh'eachdraidh gu Achd na h-Alba 2016.

Thàinig sin mar thoradh air an aonta às dèidh na bhòt gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail agus their e nach atharraich Westminster lagh a tha fo smachd Holyrood gun chead na Pàrlamaid Albannaich.

Sin cleachadh na Pàrlamaid Albannaich a chuireadh ann an dubh agus geal le Achd 2016, agus is e beachd Riaghaltas Westminster nach eil ann ach chleachdadh gun chumhachd.

Ach mas e, dh'fhaighnich am Morair Tagradh, a chuireadh anns an Achd e mura robh brìgh sam bith aige?

Deasbad

Tha dùil gun cluinneadh breith na Cùirte tràth anns a' bhliadhna ùir.

Ma their i gum feum Achd na Pàrlamaid a bhith ann mus tèid Artagail 50 a chur an gnìomh, tha dùil gum faodadh an riaghaltas bile air leth goirid a chur fa comhair a' toirt cead do mhinistearan sin a dhèanamh.

Às dèidh deasbaid anns na Cumantan an dèidh chuir buill-phàrlamaid taic ri clàr-ama an riaghaltais ged a ghabhadh ministearan ri iarrtas Làbarach gum foillsich iad na planaichean aca ro dheireadh a' Mhàirt.

Tha e nas duilghe fhaicinn dè a thachras mas e breith na Cùirt gu feumadh Pàrlamaid na h-Alba bhòtadh cuideachd.

Cha do chum am Morair Tagraidh a-mach gum b' urrainn do Holyrood stad a chur air Brexit.

Ma bhòtas Dùn Èideann an aghaidh Brexit, ma dh'fhaodte gun tèid iarraidh air muinntir na h-Alba labhairt uair eile.