CnES ag iarraidh 3 bhall air buidheann nan aiseagan

Loch Seaforth
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar airson 's gum bi bàta-bathair air slighe Steòrnabhaigh, a thuilleadh air an MV Loch Seaforth

Tha Comhairle nan Eilean Siar airson 's gum bi triùir bhall aca air a' bhuidhinn riochdachaidh choimhearsnachd ùir a bheir comhairle do Chal Mac.

Fo chùmhnant ùr nan àiseagan, feumaidh a' bhuidheann riochdachaidh a bhith air a stèidheachadh ron fhoghar seo tighinn.

Tha a' Chomhairle cuideachd a' strì airson pàirt de dh'àrd-oifis Chal Mac a bhith air a ghluasad dha na h-Eileanan.

Bha seo am measg na thog a' Chomhairle le Stiùiriche Conaltraidh Coimhearsnachd Chal Mac, Brian Fulton, a bh' air thuras ann an Leòdhas Diardaoin.

"Èisteachd"

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gun robh iad a' faireachdainn nach robh iad a' faighinn èisteachd ceart bho Chal Mac leis nach eil riochdaire aca air bòrd na companaidh.

"Thuirt iad gum biodh sin air a chur ceart - gun sealladh iad ris - agus gum biodh feadhainn ann bhon taobh seo - chan e fear idir ach feadhainn - tha mi a' smaoineachadh gum faigh sinn barrachd na aon duine."

'S e an Riaghaltas a thaghas buill na buidhne riochdachaidh agus tha Mgr MacAoidh ag ràdh gum feum riochdachadh ceart a bhith aig na h-Eileanan.

"Chan eil feum sam bith ann dhuinne, daoine bho shìos deas a bhith air a' bhòrd a tha seo - 's e a tha sinne ag iarraidh ach daoine aig a bheil fios dè tha tachairt anns na h-Eileanan a tha seo".

Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd airson 's gun tèid bàta-bathair a chur air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul ach thuirt Mgr Fulton nach b' urrainn dha sin a ghealltainn dhaibh.

'S e an MV Loch Seaforth a-mhàin a th' air an t-slighe an-dràsta ach tha dragh air a' Chomhairle mu na thachradh nam briseadh i sìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile