Cothrom a' call a-mach air bann-leathann fìor luath
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionad Cothrom a' call a-mach air bann-leathann fìor luath

8 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh Cothrom air fhàgail air dheireadh anns an linn dhidseatach agus an t-ionad ann an Uibhist air fhàgail gun cheangal ri bann-leathann fìor luath.

Tha an càball fibre a' dol seachad air an togalach ann an Uibhist a Deas - ach chan eil dòigh aca ceangal fhaighinn ris.

Dh'fhaodadh gum feum iad fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh iad fhèin - agus cuibhreann mhath dhen chosgais a phàigheadh iad fhèin.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.