Tubaist air an A9

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaiste air an A9 faisg air Alanais air taobh sear Rois Diardaoin.

Thachair an tubaist mu 4:30f nuair a bhuail BMW agus dà bhana na chèile.

B' fheudar do luchd-smàlaidh uidheamachd gearraidh a chleachdadh airson an duine a shaoradh bhon charbad.

Cha deach duine sam bith eile a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte grunn uairean de thìde às dèidh na tubaiste.