Sgeama wi-fi poblach ga chuir an sàs an Inbhir Nis

Fòn-làimhe
Image caption Tha an sgeama na phàirt de dh'aonta baile Inbhir Nis

Tòisichidh sgeama wi-fi poblach an asgaidh ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Tha an sgeama mar phàirt de dh'aonta baile Inbhir Nis anns a bheil luach còrr is £300m.

'S e am ministear Riaghaltais am Morair Dunlop a chuireas air bhog an sgeama 's e a' tadhal air a' bhaile.

Tha an sgìre far am faighear wi-fi an asgaidh a' gabhail a-steach Ceàrnag na Seabhaige, Sràid na h-Acadamaidh, Sràid an Aonaidh agus Sràid na h-Eaglaise.

Bidh am Morair Dunlop cuideachd a' faighinn fiosrachaidh mu mar a tha a' dol le planaichean gus Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh na ghoireas do luchd-turais.