Barrachd fhogarrach a' tighinn dhan Ghàidhealtachd

Fogarraich Image copyright AFP/Getty Images
Image caption Tha còig teaghlaichean de dh'fhogarraich air tighinn dhan Ghàidhealtachd roimhe.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag obair le grunn bhuidhnean poblach eile 's iad a' dèanamh deiseil airson na dàrna buidhne de dh'fhogarraich à Siria a thig dhan Ghàidhealtachd.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd gun gabhadh iad eadar 25 agus 30 teaghlach eadar 2015 agus 2020 cho fad 's a gum bi taighean, seirbheisean slàinte agus goireasan foghlaim ann dhaibh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, gu bheil an sgìre mar-thà air fàilte a chur air còig teaghlaichean 's gu bheil iad airson na 's urrainn dhaibh a dhèanamh airson dachaigh a thoirt do thuilleadh dhiubh.

Tha dùil gun tig an dàrna buidheann de dh'fhogarraich dhan Ghàidhealtachd tràth an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile