Barraigh "gun roghainn" air seirbheisean adhair

Tha fear de Chomhairlichean Bharraigh a' fàgail air Comhairle nan Eilean Siar nach robh iad idir ceart nuair a chaidh innse do choinneimh de Chomataidh na Còmhdhail an t-seachdain seo gun robh muinntir an eilein ag iarraidh sheirbheisean adhar a bharrachd a Ghlaschu, seach feadhainn a Bheinn nam Fadhla.

Tha Dòmhnall Manford ag ràdh nach e roghainn a bh' ann nuair a chaidh fhaighneachd dhaibh.

Thuirt Ceannard na Còmhairle, Aonghas Caimbeul, gur e a' chuimhne a bh' aigesan bho choinneimh an 2013 gur e seirbheisean a Ghlaschu a bha daoine ag iarraidh.

Ach, tha Mgr Manford ag ràdh nach b' urrainn gur e roghainn a bh' ann leis nach eil ùghdarras aig a' Chomhairle air seirbhisean a Ghlaschu.

Tha e airson 's gun tèid na seirbheisean a ghluasad a bhith fo ùghdarras an Riaghaltais 's gun gabhadh an uairsin a shìneadh a-mach dhan choimhearsnachd fo Achd Chumhachdan na Coimhearsnachd.