Uard fhathast dùinte ri linn Noro-bhìorais

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha uard aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis fhathast dùinte, agus Noro-bhìoras air euslaintich a th' ann.

Bidh Uard 2A dùinte do dh'euslaintich ùra gu co-dhiù às dèidh an deireadh-sheachdain.

Tha euslaintich san uard fhathast leis an dìobhairt 's leis a' bhuinnich.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith air a bheil na comharran tinneis sin, no a tha a' fuireach le cuideigin air a bheil iad, cumail air falbh bhon ospadal gus am bi an tinneas seachad.