Beul-aithris na Hearadh ga claradh

Na Hearadh

Thèid beul-aithris a chlàradh anns na Hearadh mar phàirt de chruinneachadh tasglainn mu choimhearsnachdan a th' air sealbh fhaighinn air an fhearann aca.

'S e Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a th' air cùl a' phròiseict 's iad airson fiosrachadh a thional bho dhaoine a chunnaic atharrachadh a' tighinn air na coimhearsnachdan aca fhèin.

'S e na Hearadh a' chiad choimhearsnachd a ghabhas pàirt anns a' phròiseact 's tha Cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh Calum Iain MacAoidh ag ràdh gu bheil e cudromach fiosrachadh a chruinneachadh bhon fheadhainn a bha thall 's a chunnaic.

"Ann am bliadhnaichean ri tighinn bidh cuimhne aig daoine gun deach sealbh a ghabhail air an talamh ach 's dòcha nach bi cuimhne aig daoine ciamar dìreach a thachair e."

Thathas an dòchas suas ri ochdnar fhastadh gu saor-thoileach anns na Hearadh a nì agallamhan le daoine a bha an sàs anns an iomairt.

'S ann ann an 2003 a fhuair muinntir cheann a tuath na Hearadh sealbh air an fhearann aca agus 's i tè de na h-oighreachdan coimhearsnachd as motha ann an Alba.

Tha dùil am pròiseact a leudachadh gu coimhearsnachdan eile a th' air sealbh a ghabhail air an fhearann aca.