Dragh mu ghainnead luchd-smàlaidh ann an Inbhir Nis

Carbad-smàlaidh
Image caption Tha 11 luchd-smàlaidh a dhìth ann an stèisean Inbhir Nis

Thog tè de chomhairlichean Inbhir Nis dragh mu na tha de luchd-smàlaidh a dhìth anns a' bhaile.

Dh'innis an t-Seirbheis Smàlaidh gu bheil 11 duine a dhìth ann an stèisean Inbhir Nis, 's duilgheadas cuideachd air a bhith aca luchd-smàlaidh glèidhte gu leòr fhastadh air feadh a' chinn a tuath.

Thuirt an Comh. Carolyn Caddick, a tha na ball airson ceann a deas a' bhaile, gu bheil gainnead luchd-smàlaidh ann an stèisean Inbhir Nis na thrioblaid an dà chuid a thaobh càil a thachradh anns a' bhaile fhèin 's cuideachd nam biodh feum aca air cuideachadh a thoirt seachad do sgioba eile taobh a-muigh Inbhir Nis.

Aig a' cheart àm, thuirt ceannard-smàlaidh na Gàidhealtachd, Iain Dòmhnallach, gu bheil iad a' dèanamh adhartais nan oidhirp tuilleadh luchd-smàlaidh glèidhte fhastadh.

Tha 179 dreuchd bàn anns an sgìre an-dràsta, le 65 duine air tagradh a chur a-steach airson na h-obrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile