Binn prìosain de cho-dhiù 24 bliadhna do Stefano Brizzi

Gòrdan Semple Image copyright Met Police
Image caption Chaidh Gòrdan Semple a chlàradh air CCTV 's e a' dol a choinneachadh ri Stefano Brizzi.

Chaidh binn de cho-dhiù 24 bliadhna sa phrìosan a chur air Stefano Brizzi a mhuirt an Conastabal Gòrdan Semple a bhuineadh do dh'Inbhir Nis.

Thachd Brizzi Gòrdan Semple, 59, agus dh'fheuch e ri pìosan de a chorp a leaghadh ann an searbhag.

Bha an dithis air coinneachadh airson feise.

Bha Brizzi, a tha 50, a' cumail a-mach gur e tubaist a dh'èirich dha Mgr Semple, ach fhuair diùraidh anns an Old Bailey ciontach e air a' mhìos a dh'fhalbh air casaid mhuirt.

Bha Gòrdan Semple air a bhith na oifigear le Poilis a' Mhet ann an Lunnainn fad 30 bliadhna.