Coinneamh cheannardan chomhairlean

Airgead Image copyright PA

Coinnichidh ceannardan chomhairlean na h-Alba Dimàirt air thoiseach air foillseachadh buidseat Riaghaltas na h-Alba Diardaoin.

Tha dragh air cuid de na ceannardan gun tèid lùghdachadh air an t-suim airgid a tha iad a' faighinn bhon Riaghaltas, agus tha iad a' cumail a-mach ma thachras sin gun toir e droch bhuaidh air seirbheisean.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air comhairlean a làimhseachadh ann an dòigh chothromaich a dh'aindeoin ghearraidhean sa bhuidseat acasan bho Riaghaltas Westminster.

Tha cead ga thoirt do chomhairlean na h-Alba a' chìs chomhairle àrdachadh 3% bhon ath-bhliadhna, a' toirt gu crìch reothadh air a' chìs, a th' air a bhith na phoileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba fad bhliadhnaichean.

Chan eil e soilleir fhathast ge-tà, de bhios an t-àrdachadh sin a' fàgail aca de dh'airgead, agus na gheibh iad bhon Riaghaltas fhathast ri dhearbhadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad airson a bhith a' co-obrachadh le Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail (COSLA), agus gu bheil prìomhachas sa bhuidseat aca do a bhith a' brosnachadh co-ionnanachd chothroman, agus a bhith a' cumail sheirbheisean poblach na h-Alba aig àrd-ìre.