12 bliadhna airson ionnsaigh sàmh-sèine

Na Poilis aig làrach na h-ionnsaigh
Image caption Na Poilis aig làrach na h-ionnsaigh anns a' Chaol Abrach san Iuchar.

Chaidh binn 12 bliadhna sa phrìosan air fear a thug ionnsaigh le sàmh-sèine air cupal san dachaigh aca anns a' Chaol Abrach.

Bhreab Seumas Dòmhnallach, 48, doras an taighe aig Iain Mac a' Phearsain, 74, 's a bhean Flòraidh, 63, faisg air a' Ghearasdan, san Iuchar am-bliadhna, an dèidh dha dealachadh ris an nighean aca.

Bha e ag iarraidh orra innse dha càite an robh an nighean, 's e a' maoidheadh a marbhadh.

Chuir e an sàmh-sèine a bha na làimh gu dol, 's thug e ionnsaigh air a' chupal.

Cha mhòr nach do chaill Mgr Mac a' Phearsain a ghàirdean 's e a' feuchainn ri a bhean a dhìon.

Chaidh a ghàirdean a shàbhaladh le luchd-meidigeach aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, agus aig Ospadal Rìoghail Ghlaschu.

Dh'aidich an Dòmhnallach, 's e anns a' chùirt air a' mhìos a chaidh, gun do rinn e oidhirp air murt, agus ionnsaigh a chùm fìor-dhroch leòin, agus cunnart beatha adhbharachadh.

Dh'aidich e cuideachd gun tug e ionnsaigh air a' Bh-Ph. Nic a' Phearsain a chùm a droch-leòin gu maireannach, gu cuingealachadh a comais, agus a chùm cunnart a beatha.

Dh'aidich e cuideachd gun robh e ga ghiùlain fhèin ann an dòigh bagarrach, agus gun robh armachd eucorra aige.

Cha deach nighean nam Pearsannach, Tracey, a bha shuas an staidhre aig an àm, a ghoirteachadh.

Chuala a' chùirt gun robh i air a bhith ann an caidreamh leis an Dòmhnallach fad dà bhliadhna, ach dhealaich iad, ged a chùm e air a' cur dragh oirre.