"Cothrom mu dheireadh" do dh'iasgach a' chosta an iar

Bàt'-iasgaich Image copyright SPL
Image caption Tha cuid de bhàtaichean-iasgaich air a bhith nan tàmh air sgàth gainnead chriutha.

Tha riochdairean an iasgaich agus luchd-poileataigs gu bhith a' coinneachadh ri Ministear an Inimreachais, Raibeart Goodwill, ann an Lunnainn Dimàirt 's iad a' sireadh cead criuthaichean fhastadh à taobh a-muigh na Roinn Eòrpa.

Tha gainnead luchd-obrach air bacadh a chur air gnìomhachas an iasgaich air a' chosta an iar bho dh'atharraich riaghailtean inimreachais a' fàgail nach gabhadh criuthaichean a thoirt a-steach à dùthchannan air taobh a-muigh na Roinn Eòrpa.

Thuirt manaidsear Barratlantic, Dòmhnall Iòsaph MacIllEathain, gun tèid an t-iasgach à bith air a' chosta an iar mura tèid fuasgladh a lorg.

Chleachd iad a bhith a' fastadh luchd-obrach às na h-Eileanan Filipineach ach chan eil sin a-nis ceadaichte.

"Tha sinn air a bhith a' fulang às an aonais" thuirt e.

"Chan eil na daoine anns na h-Eileanan a chleachd a bhith ann".

"Dìth sgilean"

Thuirt e gu bheil iad air a bhith a' faighinn luchd-obrach às an Roinn Eòrpa ach glè thric nach eil na sgilean aca airson an obair a dhèanamh.

Mhol ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, gun gabhadh siostam a chur air dòigh aig ìre ionadail le comainn iasgairean fon deadh iasgairean a thoirt a-steach far a bheil feum orra.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ceart gum biodh Comann Iasgairean nan Eilean Siar a' cumail smachd air an seo agus a bhith ann an còmhradh ri Ambasaid nan Eileanan Filipineach do mhaith dhaoine."

Thog Buidheann nan Crìochan dragh roimhe ge-tà, nach biodh luchd-obrach à dùthchannan cèine airson tilleadh dhachaigh nuair a thigeadh an obair aca gu ceann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo