Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comhairlean

Tha ceannardan comhairle a' coinneachadh an-diugh mus innis Riaghaltas na h-Alba dhaibh an-earar dè an t-suim airgid a bhios iad a' faighinn. Tha dragh air na h-ùghdarrasan ionadail gum bi gearradh ann am buidseat agus gum feum iad tuilleadh chosnaidhean agus seirbheisean a ghearradh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèiligeadh gu cothromach ris na comhairlean mu choinneimh nan gearraidhean a tha a' tighinn à Westminster.

Stailc

Thèid mu 3,500 de luchd-obrach aig Oifis a' Phuist air stailc airson còig là an ath-sheachdain leis a h-uile coltas gun toir sin droch bhuaidh air seirbheis a' phuist aig àm na Nollaige. 'S ann mu chall cosnaidh, peinnsean agus dùnadh oifisean a tha am buaireadh. Thuirt Aonadh Luchd-Obrach a' Chonaltraidh, an CWU, gun toir an stailc buaidh air na h-oifisean puist as motha agus gum mair e o Dhiluain seo tighinn suas dhan là ron Nollaig.

Aleppo

Dh'iarr Comataidh Eadar-nàiseanta na Croise Deirge air gach taobh iad feuchainn ri beatha a chùmhnadh anns a' bhlàr ann an Aleppo agus feachdan an Riaghaltais ann an Siria ag ràdh gu bheil iad fìor-fhaisg air smachd a ghabhail air a' bhaile gu lèir. Thuirt a' Chrois Dhearg gu bheil mìltean dhaoine neo-chiontach glacte anns an t-sabaid agus gum bi sgrios ann mura toir gach taobh spèis do chòraichean daonna agus do riaghailtean cogaidh àbhaisteach.

Iasgach

Thèid innse do Mhinistear In-imreachd na Rìoghachd Aonaichte, Raibeart Goodwill, an-diugh gu bheil an t-iasgach air a' chosta an iar a' fulang gu mòr leis nach eil cead aig bàtaichean criutha fhastadh à dùthchannan eile. Tha feadhainn de bhàtaichean a' chosta an iar 's nan eilean nach fhaigh gu muir leis nach fhaigh an luchd-obrach a' bhìosa a tha a dhìth orra. Thuirt Dòmhnall Eòsaph MacIllEathain bho Barratlantic gur e seo an cothrom mu dheireadh fuasgladh fhaghinn do thrioblaid a tha, na bheachd-san thuirt e, a' cur às dhan iasgach air a' chosta an iar.

Càball

Tha eòlaiche ag ràdh gur e càball eadar Alba 's Nirribhidh an t-slighe air adhart do chumhachd ath-nuadhachail a' chinn a tuath agus nan eilean. Tha Murchadh Moireach à Leòdhas den bheachd nach fhada gus am bi an loidhne gu ceann a deas na h-Alba làn agus gum feumar coimhead gu tuath airson dealan à cumhachd ath-nuadhachail a reic ri dùthchannan Eòrpach eile.