Chosg constabal Chuil Uaraich £15,000

Coimisean na Croitearachd

Sheall freagairt fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun do chosg Coimisean na Croitearachd cha mhòr £15,000 constabal ionaltraidh a chur an sàs ann an Col Uarach an Leòdhas às dèidh dhaibh cur às dha comataidh ionaltraidh a' bhaile.

Chaidh Cailean Soutar a stèidheachadh mar Chonstabal Ionaltraidh sa bhaile a choimhead ri ceistean a thog an Coimisean mu mar a bha gnothaichean a' bhaile gan ruith.

Cha do lorg e fianais de mhì-iomchaidheachd sa bhaile, ach thathas fhathast a' feitheamh ceist mu mar a chaidh rathad a mhaoineachadh ann an 2008.

Tha an Coimisean air leisgeul chroitearan iarraidh airson a' cho-dhùnaidh sin, agus co-dhùnaidhean cur às do chomataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh ann an Leòdhas, agus ann an Gleann Ruaidh an Loch Abair.

Tha freagairt a fhuair am BBC tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a-nise ag innse na chosg e do sporran a' phobaill fhad 's a bha Mgr Souter os cionn ghnothaichean ann an Col Uarach.

Eadar tuarastal Mhgr Souter, cosgaisean cunntasachd, siubhal agus cosgaisean laghail, chaidh £14,680 a chosg.

Dh'fhaodadh am figear sin èirgh ge-tà, leis nach do chuir Mgr Souter cunntas a-steach airson obair a rinn e bhon Ògmhios.

Tha an Coimisean a' coinneachadh Diciadain gun dùil gu bheil a' chonnspaid a tha a' cuairteachadh na buidhne gus tighinn gu crìch.