Seann shiostam iasgairean fon phrosbaig

Iasgach

Thèid coimhead an gabh siostam a bh' ann roimhe, 's a leig le iasgairean bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich a bhith ag obair ann am Breatainn, a thoirt air ais.

Bha riochdairean iasgaich às na h-Eileanan an Iar am measg na choinnich ri Ministear Inimreachd na Rìoghachd Aonaichte, Raibeart Goodwill, Dimàirt, is iad ag ràdh gu bheil feum air na h-iasgairean cèine.

"Dh'aidich iad gu bheil trioblaid ann, 's gu bheil iad ag aithneachadh na trioblaid a tha sin," thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill.

"Gu mì-fhortannach fhathast chan eil fuasgladh aca air an trioblaid a tha sin.

Obraichean

"Tha fuasgladh ann an làmhan Oifis na Dùthcha.

"Ach thathas an dòchas suidheachadh fhaighinn far a bheil iad a' dol a dh'obrachadh còmhla a' feuchainn gu fosgladh fhaighinn, agus far am b' urrainnear daoine a tharraing a-steach, gu h-àraid à àiteachan mar na h-Eileanan Filipinneach airson tighinn a dh'obair ann am bàtaichean-iasgaich air a' chosta an iar agus ann an Èirinn a Tuath.

"Tha mi a' faicinn beagan de bhoillsgeadh an-dràsta. Chan eil e cho math ris an t-suidheachadh ann am Poblachd na h-Èireann, far a bheil iadsan air dìreach rudeigin glic a dhèanamh.

"Ach co-dhiù tha sinn ag obrachadh mean air mhean an seo le Oifis na Dùthcha.

"Tha mi an dòchas gun tig freagairt agus fuasgladh air a' chean thall. Feumaidh e tighinn.

"Tha e math dhuinne gum biodh bàtaichean timcheall a' chosta againn a' glacadh a' bheartais iasgaich a tha mun cuairt oirnn, 's gu bheil iad a' cur sin air tìr agus ag adhbharachadh obraichean air tìr a chumas daoine ann an eileanan 's ann an coimhearsnachdan iomallach," thuirt e.

Gainnead Dhaoine

Le in-imreachas na chuspair connspaideach an-dràsta, tha ceist ann carson nach eil luchd-obrach gu leòr an Alba airson na h-obraichean seo a dhèanamh.

"Tha dà rud an sin," thuirt Mgr MacNèill.

"Tha dragh air feadhainn, agus feumaidh sinn a bhith a' freagairt agus a' dol an aghaidh nan draghan a tha sin.

"Tha na draghan a tha sin gu math tric a' nochdadh bho na pàipearan-naidheachd, agus tha iad air a bhith ceàrr 's iad a' cur eagail air daoine.

"Feumaidh sinn a bhith ag ràdh gu bheil in-imrichean feumail, gu bheil iad a' dèanamh feum dhuinn. Tha iad math dhuinn. Tha iad an uairsin a' falbh 's a' dèanamh feum dhaibh fhèin.

"Tha buannachd is buannachd air gach taobh dheth sin.

"Carson nach eil daoine ann (an Alba a nì na h-obraichean)? Tha teaghlaichean air fàs nas lugha.

"Tha sinn a' faicinn siud gu h-àraid sna h-Eileanan an Iar, tha sgoiltean nas lugha.

"Tha cuideachd daoine a' faighinn foghlaim diofraichte, no ma tha iad air a bhith ag obair air bàtaichean-iasgaich, tha iad an uair sin a' falbh ann an ùine ghoirid dhan Chuan a Tuath.

"Tha gu leòr de dh'obraichean do dhaoine a tha sgileil air bàtaichean 's air sgothan.

"Tha mise a' faicinn daoine a bha san sgoil còmhla rium fhìn, a th' air sin a dhèanamh, agus tha iad gu math ceart is glic sin a dhèanamh.

"Ach feumaidh sinn cuideachd a bith mothachail nach eil gu leòr de dhaoine againne airson obraichean eile.

"Tha an ìre a tha gun chosnadh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad sna h-Eileanan an Iar, leth den chunntas àbhaisteach air feadh Bhreatainn.

"Tha sin a' sealltainn dhuinn gu bheil sin gann de dhaoine.

"Feumaidh sinn daoine a tharraing à thall-thairis. Tha sin follaiseach," thuirt e.