Coinneamh ga h-iarraidh mu aiseag Shlèite

Tha ceannardan coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach agus Loch Abair ag iarraidh coinneimh le Ministear na Còmdhail, Humza Yousaf, agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Tha iad airson 's gum bi am bàt'aiseig an MV Coir' Uisg' air ais air an t-slighe eadar Malaig agus Armadal as t-Samhradh.

Tha iad mì-thoilichte cuideachd nach deach clàr-ama an t-Samhraidh fhoillseachadh fhathast agus gu bheil Cal Mac air a bhith a' dèanamh deuchainn air an t-slighe le soitheach eile, an MV Loch Fyne.