Ìmpidh às ùr mu stiùireadh HIE

HIE

Chaidh ìmpidh às ùr air Rùnaire a' Chaibineit Albannaich, Cè Mac'IlleDhuinn, dèanamh cinnteach gur ann sa cheann a tuath a bhios Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air a stiùireadh.

Tha buaireadh air èirigh, is Riaghaltas na h-Alba am beachd cur às do bhòrd HIE, gus am bi aon bhòrd a' stiuireadh nam buidheannan leasachaidh air feadh Alba.

Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, air a taic a chur ris an iomairt an aghaidh a' mholaidh.

Thèid a' cheist a dheasbad aig coinneimh na Comhairle Diardaoin.