Coimisean na Croitearachd "gu tur briste"

Coimisean na Croitearachd

Thuirt co-chathraiche Buidhne Croitearachd Holyrood, an Lib-Deamach Tabhais Scott, gu bheil dòighean-obrach Coimisean na Croitearachd "gu tur briste".

Dh'iarr Mgr Scott air Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gnothach a ghabhail ris an t-suidheachadh.

Bha Mgr Scott a' bruidhinn an dèidh coinneimh den Choimisean, a chuala gun robh dithis de dh'àrd-oifigearan na buidhne a' diùltadh a bhith an làthair, 's iad ag ràdh nach b' urrainn dhaibh obrachadh còmhla ris na coimiseanairean.

Thuirt Mgr Scott nach gabhte idir ris an t-suidheachadh, agus gum bu chòir don mhinistear rud sam bith a bha a dhìth a dhèanamh, am Fear-Gairm, Cailean Ceannadach a chur às a dhreuchd na mheasg, gus fuasgladh fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo