Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aleppo

Tha sabaid às ùr ann am baile Aleppo ann an Siria a tha a' cur às dhan aonta an-dè eadar feachdan an Riaghaltais agus na reubaltaich. Tha an dà thaobh a' cur coire air a chèile airson sin. Agus chaidh dàil cuideachd anns a' phlana airson sìobhaltaich agus saighdearan reubaltach a leigeil a-mach às na sgìrean anns a' bhaile far a bheil iad glacte.

Cosnaidhean

Bha àireamh nas motha gun chosnadh ann an Alba air na trì mìosan dhan Dàmhair ged a thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha na figearan as ùire an-diugh bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh 14,000 a bharrachd gun obair ann an Alba eadar an Lùnastal agus an Dàmhair, a' toirt na h-àireimh gu lèir suas gu 145,000. Bha an àireamh air feadh Bhreatainn sìos mu 16,000 gu 1.62 millean.

Cuotannan

Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gu bheil coltas glè mhath air cuota na h-ath-bhliadhna a chaidh aontachadh anns a' Bhruiseil a-raoir. Tha cuota nas motha ann dhan trosg agus cuiteag ach tha gearradh còrr 's 40% ann an cuideam na h-adaige anns a' Chuan a Tuath agus air a' Chosta an Iar. Thuirt Àrd-Oifigeach a' Chaidreachais, Bertie Armstrong, gu bheil e an làn-dùil ri siostam stiùiridh nas fheàrr an dèidh do Bhreatainn falbh às an Aonadh Eòrpach.

Iasgairean

Tha dòchas ann gum faigh iasgairean à dùthchannan air taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich cead a-rithist air obair anns an dùthaich seo. Choinnich riochdairean an iasgaich às na h-Eileanan an Iar ri Ministear In-imreachd na Rìoghachd Aonaichte, Raibeart Goodwill, an-dè agus tha iad an dòchas a-niste gun till iad dhan t-siostam a bha a' toirt cead-obrach do dh'iasgairean à dùthchannan cèine.

SFA

Tha connspaid às ùr air Comann Ball-Coise na h-Alba 's e coltach gu bheil iad a' coimhead ri seann mhanaidsear Cardiff City, Malky MacAoidh, fhastadh mar stiùiriche inbhe ùir. Chaill esan a dhreuchd aig Cardiff o chionn trì bliadhna agus casaidean ann gun do chleachd e briathran a rinn dì-meas air Iùdhaich, boireannaich agus air daoine gèidh. Thuirt am ball SNP ann am Pàrlamaid na h-Alba, Clare Haughey, nach fhaod an SFA àite a thoirt dha leithid.

Croitearachd

Tha Coimisean na Croitearachd a' coinneachadh an-diugh a-rithist an dèidh dha faileachadh orra dad a dhèanamh mu shuidheachadh an Fhir-Ghairm, Cailean Ceannadach, aig coinneimh shònraichte Dihaoine seo chaidh. Agus tha e air tighinn am follais gun do chosg e faisg air £15,000 dhan Choimisean constabal ionaltraidh a chur an sàs ann an Col Uarach ann an Leòdhas, aon de na sgìrean a bha am meadhan na connspaid a tha a' buaireadh a' Choimisein.